Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sgoilearan Gàidhlig a’ faighinn cothrom air oideachadh ann an dràma

03/2013

Fhuair sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile bhon Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse cothrom o chionn ghoirid piseach a thoirt air na sgilean dràma aca agus na dealbhan-cluiche aca a shealltainn air an àrd-ùrlar.

Chaidh Fèis Dràma a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig sa Mhàrt do sgoilearan le Gàidhlig. Eadar 11-12 Màrt bha sgoilearan bhon a h-uile bun-sgoil a tha tabhann foghlam tron Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse aig SMO airson ionnsachadh mu dràma agus na tàlantan aca a thaisbeanadh. Bha còrr is leth-cheud duine-chloinne ann bho chlas 6 agus 7, agus iad a’ tighinn bho: Bun-sgoil Shlèite, Bun-sgoil an Àth Leathainn, Bun-sgoil Dhùn Bheagain, Bun-sgoil Stafainn, Bun-sgoil Phort Rìgh, Bun-sgoil Chille Mhoire, Bun-sgoil a’ Phluic agus Bun-sgoil Loch Carrann. Ag obair leis a’ chloinn bha an luchd-dràma Artair Donald, Dàibhidh Walker, Debbie NicAoidh agus Aonghas MacLeòid bho Fhèisean nan Gàidheal.

An t-seachdain sa chaidh eadar 20-21 Màrt chaidh an dàrna pàirt den fhèis a chumail nuair a thàinig 30 sgoilear bho Àrd-sgoil Phort Rìgh còmhla aig a’ cholaiste airson oideachadh ann an dràma agus cothrom an obair aca fhèin a dhealbh agus an uair sin a shealltainn air an àrd-ùrlar.

Thuirt Artair Donald, an Neach-dràma air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig: “B’ e seo a chiad fhèis dràma airson bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean a chaidh a chumail anns an Eilean Sgitheanach. Thàinig 54 sgoilearan agus sianar thidsearan bho ochd bun-sgoiltean a ghabhail pàirt ann an geamaichean, structar dràma agus sgilean cleasachd. Cuideachd thàinig 30 deugaire bho Àrd-sgoil Phort Righ thugainn agus bha iad uile ag ionnsachadh sgilean ùra mus do sheall iad dealbh-chluich do luchd-amhairc ann an stiùidio Fàs. Tha mi smaointinn gun do chòrd an fhèis ris a h-uile duine agus tha iad coimhead air adhart ris an ath fhèis!”

Thuirt Ceannard Bun-sgoil Phort Rìgh, Iain Fionnlasdan: “Bha tòrr spòrs aig na sgoilearan aig an fhèis dràma agus ’s e cothrom air leth a bh’ ann dhaibh a bhith ag obair còmhla ri clann bho sgoiltean eile.”

Fhuair an Fhèis Dràma taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig tron Sgeama Lìonraidh Dràma Gàidhlig.