Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Obair is foghlam Sabhal Mòr Ostaig gam moladh ann an sgrùdadh HMI

06/2014

Tha Luchd-sgrùdaidh na Banrigh (HMI) air moladh mòr a dhèanamh air obair is modhan-ionnsachaidh Sabhal Mòr Ostaig ann an aithisg a dh’fhoillsich iad às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air a’ Cholaiste às leth Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Foghlam na h-Alba.

Chaidh an sgrùdadh slàn air Foghlam Adhartach (FE) na Colaiste a chumail eadar 3 - 11 Giblean agus, thar na h-ùine sin, rinn Luchd-Sgrùdaidh na Banrigh (HMI) luachadh gu math mionaideach air teagasg air astar (An Cùrsa Inntrigidh), cùrsaichean goirid, stiùireadh agus siostaman rianachd an ionaid.  Uile-gu-lèir, bha am measadh a fhuair a’ Cholaiste anns an aithisg, a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid, a’ dearbhadh gu bheil eagrachadh èifeachdach aig Sabhal Mòr Ostaig ann a bhith a’ gleidheadh agus a’ meudachadh deagh-ghnè na obair agus a thaobh na thathar a’ tabhann dha luchd-ionnsachaidh agus luchd-compàirt eile.

Seo an ìre breithneachaidh as àirde as urrainn do dh’Fhoghlam na h-Alba a bhuileachadh air colaiste. Tha sgrùdaidhean le HMI air am bonntachadh air tomhaisean nàiseanta agus dhearbh an Sgrùdadh gu bheil ìrean soirbheachaidh àrd aig luchd-ionnsachaidh, le ìrean tarraing a-mach à cursaichean gu math ìosal agus iad nas fheàrr na an ìre nàiseanta airson na roinn FE.

Tha Aithisg an Sgrùdaidh a’ togail air a’ mholadh a fhuair Sabhal Mòr Ostaig ann an sgrùdaidhean ron seo, le 14 raointean air an comharrachadh far an robh deagh mhodhan-obrach ann agus dìreach 5 raointean far an urrainnear barrachd leasachaidhean a dhèanamh agus, dhiubh sin, cha do chomharraich iad ach dà nì ris am feum a’ Cholaiste dèiligeadh san àm ri teachd.

A thuilleadh air sin, chaidh dà eisimpleir de shàr-mhathas aithneachadh a bha air am meas mar shàr chleachdaidhean. ’S iad sin, an dòigh san robhar ag àrach agus a’ brosnachadh tàlant ùr ann an obair film tron phròiseact FilmG a tha air eagrachadh ann an com-pàirteachas eadar Cànan agus MG Alba, agus na dòighean-obrach èifeachdach a th’ aig a’ Cholaiste ann a bhith dèanamh cinnteach gu bheil oileanaich air astar a’ faireachdainn ceangailte gu dlùth ris a’ Cholaiste agus ri càch-a-chèile.

Thuirt Cathraiche Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig, an Siorram Ruaraidh Iain MacLeòid: “Às leth a’ Bhùird Stiùiridh tha mi a’ cur fàilte air an aithisg seo agus a’ cur meal-a-naidheachd air sgioba na Colaiste, a choisinn, tro an comasan agus an saothair, teisteanas cho fìor mhath. Tha mi gu h-àraidh toilichte gun deach cho sàr mhath ’s a tha a’ Cholaiste air a stiùireadh fo cheannardas a’ Phrionnsapail aithneachadh. Ach ’s e an sàsachadh as motha gu bheil an aithisg na barantas gu bheil sinn a’ coileanadh ar dleastanais a thaobh feumalachdan an luchd-ionnsachaidh agus suidheachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd.”

Tha an Aithisg aig HMI a’ sealltainn gu bheil deagh mhodhan-riaghlaidh is stiùiridh an sàs aig a’ Cholaiste agus gu bheil càirdeas math eadar diofar oileanaich. Tha moladh air a dhèanamh cuideachd air mar a thathar a’ brosnachadh oileanaich gu bhith dol an sàs ann an cùisean, agus thathar a’ comharrachadh gu bheil oileanaich deònach is toilichte pàirt a ghabhail ann an leasanan agus cur ris na leasanan sin.

Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim: “Tha na toraidhean agus breithneachaidhean mar dhuais chothromach air na h-oidhirpean aig luchd-obrach agus oileanaich gu lèir ann a bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh ìrean deagh-ghnè. Tha an aithisg ag aithneachadh gu bheil a’ Cholaiste ag obrachadh gu h-èifeachdach le iomadh com-pàirtiche agus tha e na adhbhar sòlais dhuinn gun deach a’ phàirt chudromach a th’ aig SMO ann a bhith a’ leasachadh a’ chànain, a’ chultair agus nan ealain Ghàidhlig aithneachadh.”