Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

'Sabhal Mòr Ostaig agus Celtic Connections a' com-pàirteachadh ann an coimisean drùidhteach eadar-nàiseanta'

01/2015

Slighe a' Chuain

Chaidh beachd-smuain, a bha o chionn fhada ann an inntinn a' phìobaire chliùitich, Carlos Nuñez, a choileanadh Diciadain sa chaidh agus a thoirt beò ann an cuirm shònraichte aig Celtic Connections.

Thàinig an sàr neach-ciùil eadar-nàiseanta don Eilean Sgitheanach airson greis-obrach fad 10 làithean aig an t-Sabhal Mhòr ann an com-pàirteachadh àraid is inntinneach eadar Celtic Connections agus Sabhal Mòr Ostaig far an do rinn e obair rannsachaidh, dhealbhaidh is ullachaidh air mòran den t-susbaint a nochd ann an teis-meadhan na cuirm sònraichte seo aig Royal Concert Hall, Glaschu.

Bha ùidh mhòr aig Carlos ann an turas a Shabhal Mòr Ostaig airson co-obrachadh le 'prìomh eòlaichean' a tha aithnichte air feadh an t-saoghail airson an cuid eòlais air a' phìob mhòir agus gu dearbh bha e airson eòlas a chur air an eilean fhèin a bha a-riamh cho cudromach ann an eachdraidh is leasachadh ceòl a' phìob mhòir Albannaich.

Bha Carlos airson dòighean-smaoineachaidh ùra a rannsachadh is a leasachadh air a' bheachd a chuir Ùisdean Cheape an cèill na obair sgoileireil gun tàinig a' phìob mhòr Ghàidhealach a dh'Alba tron Spàinn is tro Phortagail air slighe-mara eachdraidheil a chaidh a chleachdadh fad linntean mòra, gun robh an t-slighe cudromach airson an dualchas pìobaireachd seo a sgaoileadh air iomall a' Chuain Siar, a' ceangal Galicia, A' Chuimrigh, Èirinn, Cladach an Iar is Eileanan na h-Alba, Patagonia, Argentina agus Brasil, far a bheil na ceanglaichean sin rin cluinntinn fhathast, co-fhillte le stoidhlean ciùil dùthchasach nan dùthchannan sin.

Fhuair Carlos cothrom air stòras luachmhor leabhraichean nan Cruinneachaidhean Sònraichte ann an Sabhal Mòr Ostaig a chleachdadh is e a' rannsachadh an taoibh Albannaich, agus bha e na thlachd mòr dha cothrom co-obrachaidh fhaighinn le Proif. Ùisdean Cheape, sàr eòlaiche na pìoba mòire, agus Dr. Decker Forrest, a tha na shàr phìobaire, a tha a' stiùireadh Prògram Ceuma ann an Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha air obair sgoileireil chudromach air na prìomh eileamaidean ann an eachdraidh na pìoba fhoillseachadh. Rinn Carlos obair cuide ris a' phìobaire, Dr. Aonghas MacDhòmhnaill à Gleann Ùige, a tha air cliù a chosnadh cuide ri a bhràithrean Ailean agus Iain, mar shàr phìobairean an linn fhèin. Fhuair Carlos cothrom coinneachadh ri Dr. Iain Mac an Sporain cuideachd, a tha na neach-ciùil, na sgrìobhadair ciùil, na sgrìobhadair, na neach-craolaidh is na eòlaiche-ciùil, agus a tha air mòran a sgrìobhadh air eachdraidh ceòl na h-Alba.  Bha Carlos den bheachd gun robh an ùine a chuir e seachad aig an t-Sabhal Mhòr  'na buannachd mhòr dhomh agus uabhasach brosnachail'.

Chaidh a' chuirm fhèin a mholadh gu mòr leis na bha an làthair agus fhuair an luchd-èisteachd cothrom air eachdraidh is cruinn-eòlais Slighe a' Chuain a chluinntinn a bha fìor inntinneach agus taitneach, is e uile fillte gu toinnte le sgil tharraingeach, sàr eòlas ciùil agus liut air àrd-ùrlar, mar a tha aig Carlos Nuñez. Chùm a chòmhlan fhèin taic ri Carlos agus cuide riutha bha iomadh aoigh tàlantach a leithid Decker Forrest, Karen NicMhathain is Dòmhnall Seathach, an dannsair Sophie NicSteaphain, an seinneadair is clàrsair Mischa Nic a' Phearsain, an cluicheadair bocsa à Argentina, Chango Spasiuk, agus an luchd-ciùil Cuimreach, Angharad Jenkins, Patrick Rimes is Gwenan Gibbard, a bha a' taisbeanadh nan ceanglaichean le Patagonia.

Bha an luchd-èisteachd air am beò-ghlacadh nuair a choisich an Dr. Aonghas MacDhòmhnaill a-nuas tron talla, a' seinn ceòl mòr air a' phìob a chaidh a sgrìobhadh airson Blàr Ghleann Seile an 1719 a chomharrachadh, blàr anns an robh rèisimeid à Galicia a chaill an t-uabhas dhaoine is iad a' toirt taic ri cor nan Seumasach. Chluich Nuñez còmhla ris air gaita ann am pìos ciùil drùidhteach a bha mar shamhla air an fhilleadh chultarail is eachdraidheil seo.

Thuirt am Proif. Cheape an-diugh,

"'S e co-obrachadh air leth cruthachail a bh' ann, a leig leinn, cuide ris an dealas is an eòlas a th' aig Carlos, Rannsachadh na Ceiltis agus na Gàidhlig a thoirt fa chomhair luchd-èisteachd Celtic Connections. Tha Carlos air soitheach cumhachdach a' chiùil a chur air bhog air 'Slighe a' Chuain'."

Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh is nan Ealain aig an t-Sabhal Mhòr, a chuir an coimisean air dòigh cuide ri Dòmhnall Seathach, Stiùiriche Celtic Connections,

"Bha e na thlachd mòr dhuinne aig Sabhal Mòr Ostaig an coimisean seo a chur air chois an com-pàirteachas le Celtic Connections agus tha e mar thoradh air lèirsinn an ionaid a tha airson a' Ghàidhlig, a cultar is a dualchas a chur an co-theacsa eadar-nàiseanta le miann agus misneachd. Tha am pròiseact a' taisbeanadh a-rithist an dualchais choitchinn eadar na dùthchannan Ceilteach agus a' dearbhadh nach e sgìrean iomallach a bh' annta idir ach dùthchannan a thug buaidh mhòr mhaireannach air an t-saoghal."