Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dà neamhnaid chultarail Albannach a' comharrachadh 40 bliadhna Runrig agus Sabhal Mòr Ostaig@40

08/2013

Thig dà neamhnaid mhòr chultarail ath-bheothachadh na Gàidhlig còmhla, air 9 is 10 An Lùnastal am-bliadhna, airson na chuir iad ri ath-bheothachadh cànan is cultar nan Gàidheal fad 40 bliadhna a chomharrachadh.

Tha an còmhlan-ciùil ròc Ceilteach, Runrig, a tha air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh, agus a tha a' comharrachadh 40 bliadhna as t-samhradh bho chaidh a chur air chois, air fiathachadh a thoirt do Shabhal Mòr Ostaig OGE, a chaidh a steidheachadh ann an 1973 cuideachd, airson pàirt a ghabhail ann an cuirm is consart gus 40 bliadhna aig Runrig a chomharrachadh anns an Eilean Dhubh. 

Tha e na thlachd mhòr don chòmhlan gun urrainn dhaibh cuireadh a thoirt don t-Sabhal Mhòr a thighinn ann mar thoradh air an eachdraidh is a' cho-sheirm a tha ann eatarra. 'S ann às an t-Sabhal Mhòr a tha fear de na còmhlanan cèilidh a bhios a' cluich Oidhche Haoine aig 'a' chèilidh air a' mhonadh'. Anns a' chòmhlan bidh ceòladairean is seinneadairean ann bhon luchd-ciùil chliùiteach eadar-nàiseanta a tha a' cholaiste a' tàladh. 

Thuirt Calum Dòmhnallach bho Runrig an-diugh, "Tha e a' toirt mòran toileachais dhuinn fiathachadh a thoirt don t-Sabhal Mhòr a thighinn airson pàirt a ghabhail anns an tachartas againn gus 40 bliadhna a chomharrachadh. Tha an eachdraidh is na h-adhbharan eadarainn co-ionnan an iomadh dòigh agus tha sinn a' cur meal-an-naidheachd orra mar chomharra air an t-soirbheachas air leth aca."

Bheir an Sabhal Mòr cuireadh do mhuinntir a' chonsart a thighinn don tachartas shònraichte aig an t-Sabhal Mhòr fad an latha Disathairne air làraich na fèis. Aig an tachartas sin bidh taghadh math de chùrsaichean, phròiseactan is iomairtean co-cheangailte ris a' Cholaiste ann cho math ri bùithtean-obrach, seiseanan ciùil is òran, seiseanan dràma is film agus geàrr-sheisean cànain a bheir cothrom àraid do mhuinntir na cuirm beagan Gàidhlig ionnsachadh tro Sheisean Òran Runrig. Bidh an latha fhèin làn spòrs is dibhearsan agus a' sgaoileadh beairteas a' chànain, a' chiùil is òrain na Gàidhlig don mhòr-shluagh. Gheibh muinntir na cuirm cothrom air taghadh farsaing fhaicinn de phrògraman, seirbheisean is iomairtean cultarail an t-Sabhail Mhòir.

Thuirt Boyd Robasdan, caraid dha na bràithrean Dòmhnallach is a bha na charaid sgoile dha Ruairidh agus a tha a-nis na Phrionnsabal aig Sabhal Mòr Ostaig, “Tha e glè iomchaidh, anns a' bhliadhna a tha Runrig agus Sabhal Mòr a' comharrachadh 40 bliadhna, gu bheil a' Cholaiste a' gabhail pàirt ann an 'Cèilidh air a' Mhonadh' cuide ri Runrig anns an Eilean Dhubh san Lùnastal. Tha an dà bhuidheann seo air cur gu mòr ri ath-neartachadh is ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus tha na dhà air a bhith nan riochdairean làidir eadar-nàiseanta airson cultar na Gàidhlig is cultar na h-Alba. Tha ceangal fada pearsanta agam fhìn le Ruairidh is Calum Dòmhnallach a tha a' sìneadh air ais do na làithean sgoile ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, far an robh mi fhìn agus Ruairidh sa chlas còmhla, agus Calum beagan na b' òige. Chithear na ceanglaichean eadar Runrig agus Sabhal Mòr mar chomharra air eachdraidh ath-bheothachadh na Gàidhlig agus cuideachd tro na ceanglaichean pearsanta eadar cuid den chòmhlan agus an Sabhal Mòr. B' e Ruairidh Dòmhnallach, a bha na Dhealbhaiche òg, a dhealbhaich a' chiad shuaicheantas aig a' Cholaiste agus tha eisimpleirean den obair dhealbhachaidh aige ri fhaicinn ann an tasglann na Colaiste. Chluich Runrig ann an Talla Mòr an t-Sabhail anns na làithean tràth sin an dèidh don chiad bhuidheann de dh'oileanaich seann Sabhal Ostaig a ruighinn. Tha e follaiseach, thar nam bliadhnaichean, gun tàinig grunn oileanach don t-Sabhal Mhòr an dèidh ùidh a ghabhail anns a' chànan is anns a' chultar tro cheòl Runrig.”

Lean am Prof. Robasdan air, “Tha aon duine gu sònraichte a' riochdachadh a' cheangail eadar Runrig agus an Sabhal Mòr. 'S e sin Donaidh Rothach, a bha na sheinneadair cliùiteach anns a' chòmhlan fad iomadach bliadhna agus a tha a-nis na Stiùiriche Leasachaidh is nan Ealain aig a' Cholaiste. Tha Donaidh ag eagrachadh prògram de thachartasan airson 40 bliadhna an t-Sabhail a chomharrachadh. Tha e air a bhith an sàs gu mòr ann an leasachadh na Colaiste anns na deich bliadhna a chaidh seachad agus o chionn ghoirid tha e air a bhith an urra ri maoineachadh is taic phoilitigeach a shireadh airson Leasachadh ùr Baile na Cille Bige, a tha an impis tòiseachadh. Tha seo na chomharra air iomairt ùr ann an leasachadh an t-Sabhail Mhòir agus na sgìre ionadail agus tha e iomchaidh gun tèid a stèidheachadh anns an dearbh bhliadhna a tha sinn fhèin, cuide ris a' chòmhlan, a' comharrachadh 40 bliadhna.”

Thuirt Donaidh Rothach, bhon taigh aige san Eilean Sgitheanach, “Tha e na thoileachas mòr dhomh gu bheil Runrig air cuireadh a thoirt don t-Sabhal Mhòr airson pàirt a ghabhail anns an tachartas seo agus tha e iomchaidh gu bheil dà bhuidheann cultarail air leth às a' Gàidhealtachd, a chaidh a chur air chois anns an aon bhliadhna, a' tighinn còmhla airson an t-slighe sin a chomharrachadh, ann an saoghal cultarail is poilitigeach a tha air atharrachadh gu lèir bhon uair sin.”

Lean Mgr. Rothach air, “Chan eil teagamh ann gun tàinig iomadh iomairt am follais anns na bliadhnaichean an dèidh 1973 agus ged as dòcha nach e gluasad co-eagraichte a bh' ann, ann a bhith a' coimhead air ais, thug steidheachadh bhuidhnean a leithid Runrig, Sabhal Mòr Ostaig, am Pàipear Beag, Buidheann Dràma 7:84, is saothair iomraiteach an Dr. Sheumais Mhic an t-Sealgair, 'Making of the Crofting Community', mothachadh agus guth ùr èifeachdach do Ghàidheil òga a bha air an còir-bhreith a chall agus chuir e misneachd is rùn fan comhair is dh'atharraich e na seann bheachdan daingeann gu tur agus an uair sin leig e leotha, leis an neart ùr seo, an cànan is an cultar a sgaoileadh seachad air crìochan na Gàidhealtachd don mhòr-shluagh nàiseanta is eadar-nàiseanta.”