Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Soirbheachas nan oileanach air a chomharrachadh le cuirm air-loidhne

10/2020

Chaidh cuirm Luchd-ceuma Shabhal Mòr Ostaig a chumail air-loidhne air Dihaoine 2 Dàmhair, nuair a thàinig an luchd-ceuma, luchd-teagaisg agus riochdairean bhon Bhòrd Stiùiridh còmhla airson meal an naidheachd a chur air na h-oileanaich agus airson an cuid shaothair a chomharrachadh ann am bliadhna a tha air a bhith gu math neo-àbhaisteach.

Tha 59 oileanaich a’ ceumnachadh bhon Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig am-bliadhna agus iad a’ toirt teisteanas a-mach aig diofar ìrean.  Airson a’ chiad bhliadhna, tha sinn a’ comharrachadh soirbheachas leis a’ Phreantasachd Tòiseachaidh, far a bheil 11 sgoilear à diofar àrd sgoiltean air teisteanas fhaighinn.  Aig a’ cheann eile, tha triùir air soirbheachadh leis an MSc le ceum barraichte agus tha sianar cuideachd a’ glèidheadh ceum le urram aig a’ chiad ìre.

Thuirt Prionnsapal na Colaiste, An Dr Gillian Rothach:  “Am bliadhna, ged a chuir an galar cruinneil Covid-19 iomadach cnap-starra nan rathad, chaidh aig an luchd-ceumnachaidh air crìoch a chur air na ceumannan aca gu soirbheachail. Abair adhbhar moit! Meal a naidheachd an dha-rìribh air gach oileanach, bhon dùthaich seo fhèin agus bho iomadach dùthaich eile air feadh an t-saoghail. Agus meal a naidheachd cuideachd air na teaghlaichean is caraidean aca, is air an luchd-teagaisg is luchd-obrach bhon t-Sabhal, a chuidich air an rathad iad. Ged nach urrainn dhuinn a bhith cruinn còmhla fhathast airson ceumnachd is cèilidh mhòir aig Sabhal Mòr Ostaig, nì sinn fiughair ris an àm sin ann an 2021.”

Am measg an iomadach dhuais a chaidh ainmeachadh air an oidhche, chaidh duais OGE airson Oileanach SMO na Bliadhna gu Ross Christie à Cille Chreanain, Earra Ghàidheal.  Thàinig Ross dhan Cholaiste as dèidh dha an sgoil fhàgail agus rinn e anabarrach math air a’ Chùrsa Chomais sa chiad bhliadhna.  Chaidh duais airson Neach Ionnsachaidh na Bliadhna a bhuileachadh air ann an 2017 aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus chùm e air le a chuid obrach aig sàr àrd-ìre, ‘s e a’ ceumnachadh le BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig aig a’ chiad ìre.  Chuir luchd-teagaisg Ross uile an taic ris an duais seo agus mhol iad an comas acadaimigeach aige, is e an-còmhnaidh cuideachail, dìcheallach agus deònach a bhith na thosgaire airson na Gàidhlig.  Tha e a-nis ag obair aig MG Alba mar Cho-òrdanaiche Conaltraidh is Susbaint.

Choisinn Màiri NicGillFhinnein à Inbhirnis Duais Dhonnchaidh MhicGhuaire a tha ag aithneachadh sàr sgilean teagaisg air a’ phrògram BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam.  Tha e cho iomchaidh gu bheil a leithid de dhuais ann aig SMO bhon a bha ceanglaichean làidir, maireannach aig Donnchadh ris a’ Cholaiste agus an nighean aige, Gwen, na h-òraidiche air an dearbh chùrsa.  Bha Màiri brosnachail, taiceil do gach sgoilear a bha aice agus tha i an-dràsta air a’ chiad bhliadhna de theagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil an t-Sàilein ann am Muile.

Airson a’ chiad turas, bha duais ann cuideachd airson Oileanach FE na Bliadhna agus ‘s i Èirinn Toner à Glaschu a ghlèidh sin.  Rinn Èirinn am Preantasachd Tòiseachaidh – Clann is Daoine Òga – agus tha i a-nis am beachd teagasg a dhèanamh gus am bi i na tidsear Gàidhlig.

Bha measgachadh de cheòl is seinn Gàidhlig sa chuirm air-loidhne, le com-pàirteachas bho dhithis oileanach a th’ againn an-dràsta – pìobaireachd bho Thòmas Young a th’ air a’ chiad bhliadhna agus òran bho Saffron Hanvidge a th’ air an treas bliadhna .  As dèidh làimh, chaidh cèilidh a chumail beò air duilleag Facebook na Colaiste, a bha fosgailte do dhuine sam bith, agus Eòghann MacEanraig is  Gary Innes bhon chòmhlan Mànran aig an stiùir.  Tha sinn an dòchas gum bi e comasach dhuinn ceumnachd ceart, air làrach na Colaiste, a bhith againn uaireigin an ath bhliadhna gus soirbheachas ar n-oileanaich a chomharrachadh gu dòigheil.