Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Soraidh slàn do dh’Oileanaich Foghlaim an t-Sabhail

06/2020

Chuir 11 oileanach bho chùrsaichean teagaisg Shabhal Mòr Ostaig crìoch air an cuid foghlaim Diardaoin agus iad a’ falbh san Lùnastal fad bliadhna mar thidsearan ùra gu bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean air feadh na dùthcha.

Bha na h-oileanaich air a’ chùrsa cheum BA Gàidhlig is Foghlam agus PGDE (Slighe Ghàidhlig - bun-sgoil, àrd-sgoil agus cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil) agus chaidh soraidh slàn air-loidhne a dhèanamh leotha leis an sgioba teagaisg aca.  

Seach nach robh cead aca a’ ghreis-sgoile mu dheireadh aca a dhèanamh ri linn COVID-19, chuir an sgioba teagaisg cothroman air dòigh dhaibh a dhol an sàs ann an Ionnsachadh Proifeiseanta mus fhalbhadh iad air bliadhna phròbhaidh. 

Chaidh na h-oileanaich an sàs le deòin ann an cnuasachadh proifeiseanta, ann an leasachaidhean cànain agus ann a bhith a’ planadh agus a’ cruthachadh ghoireasan. Ghabh iad cuideachd cothrom a dhol an sàs ann an cùrsaichean agus co-labhairtean, nam measg, Co-labhairt Air-loidhne Bhòrd na Gàidhlig do Thidsearan Ùra.

Mar a thuirt Shona NicCarmaig, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig SMO, “Chùm sinn an seiminear mu dheireadh còmhla ri oileanaich BA agus PGDE (Slighe Ghàidhlig) agus tha e air a bhith na adhbhar toileachais dhuinn a bhith ag obair còmhla riutha gus na sgilean aca a leudachadh agus a neartachadh. ’S e cothrom air leth a bha seo do na h-oileanaich a bhith ag obair còmhla ri eòlaichean ann am foghlam Gàidhlig agus ceanglaichean feumail ùra a dhèanamh mus tòisich iad nan dreuchdan ùra. Tha sinn fada an comain Bhòrd na Gàidhlig an cothrom seo a thoirt dhaibh.”

Ann am beachd aon oileanach a tha air crìoch a chur air BA Gàidhlig agus Foghlam agus a tha ag amas air dreuchd ann an teagasg bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig, “Mholainn an cùrsa seo do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an teagasg. Mholainn e seach cùrsaichean eile leis gu bheil a h-uile càil tron Ghàidhlig – agus Gàidhlig bheairteach aig a sin!”

Bidh triùir a’ tilleadh dhan t-Sabhal air Bliadhna 4 (BA Gàidhlig agus Foghlam) agus tha an sgioba a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riuthasan agus ris na h-oileanaich ùra san t-Sultain. Tha na h-oileanaich uile ri am moladh airson obair chruaidh, dèanadachd agus dealas agus tha iad nan deagh eisimpleirean de shoirbheas chùrsaichean teagaisg aig SMO.

Lean Shona NicCarmaig oirre is i ag ràdh, “Tha mi fhìn agus mo cho-obraiche, Gwen Culbertson, air leth moiteil às na h-oileanaich againn uile. Chan e dìreach gum bi guthan làidir aca a thaobh na Gàidhlig ann an sgoiltean, ach tha iad air dleastanas a ghabhail a dhol an sàs ann an leasachadh agus eòlas air na sgilean proifeiseanta agus ann an cùram chloinne mar dheasachadh airson dreuchd shoirbheachail ann an teagasg. Gur math a thèid leotha uile!”

Thathar a’ gabhail iarrtasan fhathast airson nam prògraman teagaisg aig SMO agus gheibhear barrachd fios bho Shona NicCarmaig: snc.smo@uhi.ac.uk