Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Pròiseact Ùr Àrd-amasach gus taic a chur ri Ionnsachadh na Gàidhlig

02/2021

Tha fios mu iomairt ionnsachaidh, ùr, farsaing agus ioma-fhillte air ainmeachadh, a’ tabhann mheadhan cho iomlan ’s a th’ air a bhith ann fad ginealach airson Gàidhlig ionnsachadh.

Thèid SpeakGaelic a chur air bhog anns an t-Sultain 2021 le cùrsa, làrach-lìn sònraichte agus prògramadh air ùrlaran BBC ALBA, a’ gabhail a-staigh YouTube BBC ALBA, a’ dearbhadh ruigsinneachd eadar-nàiseanta. 

Bidh a’ bhrannd ùr seo a’ tabhann cruth-atharrachadh cho chudromach ’s a th’ air a bhith ann airson cha mhòr deich air fhichead bliadhna, a thaobh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig, agus thèid aire luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt a tha nan inbhich a ghlacadh leis.

Ag amas air ìre-cleachdaidh na Gàidhlig àrdachadh, thèid am pròiseact a chur air bhog thairis air ceithir diofar ìrean bho 2021-2023, gach fear dhiubh ag amas air ìre-sgil eadar-dhealaichte a rèir sgèile CEFRL (Common European Framework of Reference for Languages); A1, A2, B1 agus B2. 

Bidh SpeakGaelic a’ tabhann do luchd-cleachdaidh an roghainn airson clasaichean aghaidh-ri-aghaidh, ionnsachadh fèin-stiùirichte, agus susbaint nam meadhanan tro fharsaingeachd de dh’ùrlaran – no gach fear dhiubh aig an aon àm. Chan eil an leithid de chothrom air a bhith aig daoine Gàidhlig a chleachdadh agus ionnsachadh a-cheana. A bharrachd air fìor luchd-tòiseachaidh, bidh SpeakGaelic ag amas air luchd-labhairt a tha air an cànan a chall, agus luchd-labhairt le cion-mhisneachd an cuid Gàidhlig a chleachdadh le misneachd. 

Bidh an iomairt a’ cur ri agus a’ meudachadh an taghadh fharsaing a tha ri fhaotainn mar-tha do luchd-ionnsachaidh tro thùsan eile, leithid LearnGaelic, cùrsaichean foirmeil a tha stèidhte mar-tha agus an iomairt shoirbheachail a th’ anns a’ chùrsa Ghàidhlig air Duolingo. Le soirbheachas Duolingo, aig a bheil mu 600,000 luchd-cleachdaidh clàraichte a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, dùblachadh luchd-cleachdaidh làrach-lìn LearnGaelic, agus fàs ann an ùidh anns a’ Ghàidhlig, an dà chuid ann an Alba agus gu h-eadar nàiseanta, bidh SpeakGaelic a’ tabhann structar a tha air fhighe ri chèile gu dlùth aig àm air leth cudromach.

Thèid SpeakGaelic a lìbhrigeadh leis a’ bhuidheann meadhanan MG ALBA, le Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach mar a’ phrìomh chom-pàirtiche acadaimigeach, agus am BBC mar riochdaire an t-susbaint meadhanan. 

Tha SpeakGaelic ga mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba; am prìomh bhuidheann airson a bhith a’ brosnachadh leasachadh na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig; am BBC; agus MG ALBA, a tha a’ lìbhrigeadh BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC; agus thèid a lìbhrigeadh thar trì bliadhna aig cosgais £2.4 millean uile gu lèir.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Susbaint Ioma-Ùrlair aig MG ALBA: “Tha SpeakGaelic na iomairt co-bhanntachd gun shamhla gus measgachadh de dhòighean sònraichte a thabhann do dhaoine gus Gàidhlig a thogail – agus a leasachadh. Tha e brosnachail, agus cudromach airson na tha an dàn don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha sinn uile aig MG ALBA moiteil a bhith mar phàirt de dh’iomairt a tha sinn an dòchas a bheir cruth-atharrachadh air na tha ron chànan. Tha mi fhèin cuideachd gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cleachdadh nan goireasan uile gus a’ Ghàidhlig agam fhèin a neartachadh.”

Thuirt Marsaili NicLeòid, Iar-Phrionnsabal agus Stiùiriche Foghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig: “Bheir SpeakGaelic cruth atharrachadh air àrainneachd ionnsachadh na Gàidhlig – tha a’ cho-bhanntachd a’ cruthachadh ghoireasan ionnsachaidh structaraichte, ruigsinneach agus le beartas a thaobh na meadhanan. Cuiridh e ris a’ choimhearsnachd teagaisg againn, bho oidean prìobhaideachd gu Comhairlichean agus buidhnean coimhearsnachd gu oilthighean. Cuiridh e ris a’ choimhearsnachd againn de luchd-ionnsachaidh agus luchd-labhairt na Gàidhlig, a’ cur fàilte air duine sam bith aig a bheil ùidh, ceangal no gràdh airson a’ chànain pàirt a ghabhail ann.”

Thuirt Mairead Mhàiri Mhoireach, Ceannard Craoladh Ghàidhlig aig a’ BhBC: “’S e modh ùr-nòsach a thaobh ionnsachadh a bhios ann an SpeakGaelic air na seirbhisean Gàidhlig aig a’ BhBC, a’ cur susbaint didseatach, claisneach agus lèirsinneach agus cùrsaichean foirmeil acadaimigeach le chèile ann an dòigh ghrinn. Bidh SpeakGaelic a’ tabhann seirbheis ùr sgoinneil do luchd-amhairc BBC ALBA, BBC iPlayer, Radio nan Gàidheal, Sounds agus YouTube BBC ALBA.”  

Thuirt John Swinney, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba: “S e pròiseact air leth a tha seo agus tha mi toilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri SpeakGaelic. Bidh buannachdan aig an sgeama uile-chùiseach agus àrd-amasach seo airson luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh Alba – agus air feadh an t-saoghail.Tha mi cuideachd toilichte a bhith a’ faicinn a’ cho-bhanntachd a tha air cùl a’ phròiseict ag obair, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri adhartachadh fhaighinn leis an obair seo.”

Thuirt Shona NicIllinnein Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn gu mòr a’ cur fàilte air an iomairt cho-obrachail agus innleachdail seo a chuireas ri prìomh amas a’ Phlana Nàiseanta Ghàidhlig, ’s e sin gum bi a’ Ghàidhlig ga cleachdadh nas trice le barrachd dhaoine ann an barrachd shuidheachaidhean. Bheir e comas do luchd-ionnsachaidh ùra na sgilean aca a leasachadh agus a’ Ghàidhlig aca a chur gu feum ann an dòigh phractaigeach. Tha iomairt Bòrd na Gàidhlig #cleachdi co-cheangailte ri SpeakGaelic, agus mholainn do gach duine a tha a’ faireachdainn gum b’ fheàrr leotha barrachd Ghàidhlig a bhruidhinn feum a dhèanamh às na goireasan a tha rim faotainn air an làrach againn.”