Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Stiùiriche Seall, Donnchadh MacAonghais, air àite a chosnadh ann an Talla nan Laoch airson ceòl traidiseanta a bhrosnachadh

05/2018

Tha sinn a' cur meal-a-naidheachd air Donnchadh MacAonghais a tha air àite a chosnadh ann an Talla Laoch Ceòl Traidiseanta na h-Alba airson a chuid saothrach a' brosnachadh ceòl traidiseanta. 'S e Donnchadh stiùiriche cruthachail Seall, a' bhuidheann ealain stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, agus tha e air obair ionmholta a dhèanamh fad 25 bliadhna a' cur chuirmean-ciùil is fhèisean air dòigh, a' tàladh cuid den luchd-ealain is luchd-ciùil as fheàrr don Eilean Sgitheanach agus cuideachd a' toirt cothrom cluich do luchd-ciùil ionadail aig toiseach an slighe ann an saoghal a' chiùil. Thuirt Tormod MacGillÌosa, a bha roimhe na stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig: "Tha an com-pàirteachas a dh'fhàs eadar Seall agus a' Cholaiste air buannachd mhòr adhbharachadh, an dà chuid gu sòisealta agus gu h-eaconamach, do mhuinntir Shlèite. Nuair a bha iad ag obair an com-pàirteachas le prògram cùrsaichean goirid an t-Sabhail Mhòir, chuir Donnchadh agus a sgioba Fèis an Eilein air chois, a bha na measgachadh de thachartasan agus a tharraing còrr is trì mìle luchd-tadhail ann am prògram làn thar cò-là-deug."

Tha prògram Seall ri fhaicinn an seo.