Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

"A' glèidheadh agus ag ath-bheothachadh mhion-chànan anns 'na Mòr-sgìrean dualchasach' ACA"

31/08/2011 - 03/09/2011 - Sabhal Mòr Ostaig

’S e pròiseact-rannsachaidh 5-bliadhna, luach £5.29 millean a tha ann an Soillse, anns a bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (le Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig aig OGE, agus Colaiste a’ Chaisteil, ann an Leòdhas, a’ gabhail pàirt ann) cho math ri oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Ghlaschu an-sàs, maoinichte le Comhairle Maoin na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig (buidheann planaidh-cànain a chaidh a chruthachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005), agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.   ’S e rùn Shoillse comas rannsachaidh a tha comasach eòlas a chur ri poileasaidh poblach a thaobh glèidheadh agus ath-bheothachadh cànan agus cultar na Gàidhlig a neartachadh.  ’S e aon dhe na dòighean a thathas an dùil gun cuir Soillse ri neartachadh comas rannsachaidh dà cho-labhairt chòmhnaidheach a chumail, agus thèid a’ chiad thè dhiubh a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig, anns an sgìre eireachdail, eachdraidheil Shlèite, an t-Eilean Sgitheanach, eadar 31 Lùnastal agus 3 Sultain 2011.

’S e cuspair a chaidh a thaghadh le Soillse airson na co-labhairt seo “Glèidheadh agus Ath-bheothachadh Mhion-Chànan anns ‘na Mòr-sgìrean Dualchasach’ Aca”.  Bho shean, bha ceanglaichean làidir eadar a’ Ghàidhlig agus eileanan agus tìr-mòr na Gàidhealtachd, ach on a’ chiad uair a chaidh fiosrachadh a thrusadh mun Ghàidhlig ann an cunntasan-sluaigh na Rìoghachd Aonaichte, tha a’ chànan air a bhith a’ crìonadh cha mhòr gun stad air a’ mhòr-sgìre seo.  A-rèir a’ chunntais-sluaigh mu dheireadh, ann an 2001, tha a’ Ghàidhlig aig a’ mhòr-chuid dhen t-sluagh anns na h-eileanan an iar agus air taobh tuath an Eilein Sgitheanaich a-mhàin, agus anns ‘na sgìrean dualchasach’ mu dheireadh seo, tha a’ chànan fo uallach nach beag.