Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Ainmeil Thar Cheudan

15/06/2011 - 18/06/2011 - Sabhal Mòr Ostaig

Mar chomharrachadh air ceud bliadhna bhon rugadh Somhairle MacGill-Eain (1911 '€“ 1996), tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus an t-Ionad Albannach airson Sgrùdaidhean Eilein aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba a' toirt cuiridh dhuibh tighinn còmhla rinn aig comharrachadh de bheatha,  de  shaothair agus de  na dh'fhàg e mar dhìleab.

Am measg nan urramach ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta a bhios a' nochdadh ann, bidh Aonghas MacNeacail, an t-Ollamh Douglas Gifford, Timothy Neat, an t-Ollamh Máir Ní Annracháin agus Crìsdean MacIlleBhàin.

Gheibhear fuireach aig a' Cholaiste airson £275 le trì oidhcheannan, biadh agus dìnneir na co-labhairt sa phrìs. Cosgaidh e £35 a bhith an làthair gach latha as aonais cosgais àite-fuirich agus tha prìsean sònraichte ann do dh'oileanaich.