Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Blasad Gàidhlig

28/03/2018 - 10/10/2018 - Ionad Iain Nobail, Sabhal Mòr Ostaig

Blasad Gàidhlig saor an-asgaidh le Fèis an Eilein (Seall) aig Sabhal Mòr Ostaig!

Gach Diciadain, 3f - 4f, gus 24mh An Dàmhair.

’S i a' Ghàidhlig canan dùthchasach an Eilein Sgitheanaich agus tha mòran daoine sa choimhearsnachd fhathast ga bruidhinn san latha an-diugh agus chithear i cuideachd air sanasan-rathaid a chionn ‘s gur e ainmean Gàidhlig a th' anns a' mhòr-chuid de na h-ainmean-àite. Ma tha sibh a’ tighinn dhan Eilean Sgitheanach air saor-làithean air neo ma tha sibh a’ fuireach san eilean agus airson an cànan ionnsachadh - ’s e dòigh mhath a th’ ann airson tòiseachadh!