Cearcall Seinn Shlèite
10/03/2012 - Talla TharscabhaigTha Cearcall Seinn ga chuir air dòigh ann an Slèite, agus ‘s ann an Talla Tharscabhaig a bhios a' chiad chruinneachadh; an dèidh sin thèid an cumail, gach mìos, ann an caochladh àiteachan air feadh na sgìre.
Bu mhath leinn gun tigeadh seinneadairean às an sgìre fhèin, agus iadsan a tha dèidheil air a bhith seinn, neo ag èisteachd ri òrain. Bi na cearcaill seinn air an stiùireadh, anns a’ chiad dol a-mach, leis an t-seinneadair Maighread Stiùbhart, a’ tha air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig airson bliadhna. An dèidh sin tha dòchas ann, ma shoirbhicheas leis a' bhuidheann, gun tèid a stiùireadh le muinntir na sgìre fhèin. Tha sinn ag iarraidh air daoine òrain bhon sgìre a thoirt leotha, ma tha iad aca. Thèid òrain a’ theagasg cuideachd, ma tha ùidh aig daoine anns an leithid. ‘S e cruth ‘taigh-chèilidh’ a tha sinn a sùileachadh airson nan tachartasan seo, ‘s gum bi iad neo-fhoirmeil, càirdeil. Tha fiathachadh farsaing ga chuir gu sean agus òg air feadh na sgìre.
Ma tha tuilleadh fiosrachadh a’ dhìth, cuiribh brath gu Maighread Stiùbhart air maighread.stiubhart@uhi.ac.uk