Cuirm-chiùil "Hallaig"
17/09/2011 - Sabhal Mòr OstaigMoladh ceòl-mhòr na bardachd aig Somhairle MacGillLeathain fon stiùradh Coinnich MacThomais, le ceòl ùr le Stiubhart MacRath, Mairi Anna NicUalraig, Eilidh MacChoinnich, Mairi Louise Napier,Ailean MacDhomhnaill, Blar Dùghlas, Domhnall Seadha, Ailean MacEanraig agus Coinneach MacThomais.
Stiùiriche Ciùil Kenneth Thomson, le còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofhran, Brian McAlpine, Gordon Gunn, Dougie Pincock, Jenna Cumming, Rhona NicAoidh, Alasdair Whyte, Mary McCarthy, Jack Evans, agus Su-a Lee.
Tha an dàn làidir, lèirsinneach seo mu dheidhinn Hallaig, fear de na bailtean a chaidh fhuadach ann an Ratharsair. Sgrìobh Somhairle MacGill-Eain Hallaig ann an 1952 agus chaidh fhoillseachadh airson a’ chiad uair ann an Gairm ann an 1954. Thathar am meas an dàin seo air an fheadhainn as fhèarr air a bheil daoine eòlach, agus chaidh eadar-theangachadh leis a’ Bhàrd Dùthcha Èireannach Seamus Heaney. Bha an t-eadar-theangachadh sin air fhoillseachadh le Urras Shomhairle ann an 2002.
£12 airson inbhich (ma tha ar a’ bucadh roimh 31 An t-Iuchar), as dèidh sin bi iad £14 airson inbhich, £12 airson daoine na bu shine, £5 airson clann is sgoilearan agus £32 airson teaghlach (2 inbheach + dithis chloinne)
Fios a’ bharrachd air làrach Blas Festival: http://www.blas-festival.com/disathairne--saturday-17th.html agus cuideachd air www.seall.co.uk