Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fèill Sabhail Mòr Ostaig

24/03/2018 - 24/03/2018 - Sabhal Mòr Ostaig

Bidh Fèill Sabhail Mòr Ostaig a’ tachairt a-rithist am-bliadhna Disathairne 24 Màrt, agus bu toil leinn fàilte a chur air gach oileanach air astar. ’S e latha spòrsail a th’ ann le tòrr rudan a’ dol tro mheadhan na Gàidhlig, m.e. ceòl, geamaichean, co-fharpaisean, sadail làmhag, caisteal bogadaich, teanta leanna, bùthagan agus tòrr chothroman cabadaich is tachairt ri daoine. Bidh gu leòr ann do dh’inbhich agus clann, ma tha sibh airson tighinn leis an teaghlach agaibh. ’S e cothrom air leth a th’ ann Gàidhlig a bhruidhinn ri daoine agus tachairt ri oileanaich, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich.

Bidh an fhèill a’ dol bho mheadhan latha gu 4f, agus bidh disco a’ tachairt air an oidhche.

 

Barrachd fios: gaidhlig@smo.uhi.ac.uk, 01471 888 440