Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Luchd-stèidheachaidh Ionad Naomh nan Each gu bhith a’ tadhal air Sabhal Mòr Ostaig

24/10/2019 - Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Lòn rannsachaidh: Diardaoin 24 Dàmhair, 1-2f.

Seòmar Shomhairle - Fàilte ron a h-uile duine.

 

Bidh an Dr Yvette Collin, Nàisean Oglala Lakota, agus Mgr Sean Collin, Nàisean Cherokee, ann an Alba agus bu chaomh leotha tadhal air SMO airson coinneachadh ri muinntir SMO and ris a’ choimhearsnachd. Bruidhnidh iad mu Chùrsaichean Ionnsachaidh Daoine Tùsail, agus mun obair aca aig Ionad Naomh nan Each, ann am Florence, Alabama.

’S e ionad cùraim agus taisbeanaidh, a th’ anns an Sacred Way Sanctuary, airson nan each traidiseanta tùsail, sin na h-eich a bh’ ann mus tàinig daoine às an Roinn Eòrpa. A bharrachd air obair rannsachaidh acadaimigeach, tha iad a’ cruthachadh prògram leigheis airson daoine a tha a’ fulang fo chiùrradh, gu h-àraidh fo chiùrradh-inntinn. Tha na h-eich aig  teis-mheadhan a’ phrògraim seo air sàillibh an dàimh a tha eadar na h-eich agus na daoine tùsail.

’S e fear-lagha a th’ ann an Sean, a tha ag obair aig Oilthigh Alabama, agus gu h-eadar-nàiseanta, a’ dèiligeadh ri còraichean sealbh-inntinn, le cuideam air mar a tha seo a’ buntainn ri daoine is coimhearsnachdan tùsail air feadh an t-saoghail.

’S e Tosgaire bhon Nàisean Lakota a th’ ann an Dr Yvette Collin. Tha a cuid rannsachaidh a’ coimhead ri eachdraidh ro-Eòrpach mu eich ann an Ameireaga a-Tuath agus an dàimh cultarail no spioradail a tha eadar cuid de na daoine tùsail agus eich. 

https://www.sacredwaysanctuary.org