Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tobar an Dualchais ag Ainmeachadh Iomairt Maoineachaidh Sonraichte

10/2013

Tha Tobar an Dualchais air iomairt maoineachaidh ainmeachadh an-diugh a chuireas ri obair na buidhne ann a bhith a’ leudachadh na tha ri chluinntinn air-loidhne bho chuid de na tasglannan de chlàran-fuaime as cudromaiche ann an Alba.

’S e pròiseact sònraichte a th’ ann an Tobar an Dualchais, a chaidh steidheachadh gus mìltean de dh’uairean de chlàran-fuaime a chaidh a thogail ann an Alba anns an linn a chaidh seachad a chur gu cruth didseatach, a chatalogadh agus a sgaoileadh air-loidhne. Tha a’ mhòr-chuid de na clàran a’ tighinn bho Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, aig a bheil stòras air leth - le òrain, ceòl, fuinn, sgeulachdan, bàrdachd, eachdraidh agus fiosrachadh air cleachdaidhean is creideamhan air farsaingeachd de chuspairean bhon aimsir gus an dà shealladh uile ri chluinntinn.

Tha Tobar an Dualchais mar-thà na ghoireas luachmhor airson luchd-rannsachaidh air cultar agus cànanas, le stuthan ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla. Nam measg tha ceudan de chlàran a chaidh a thogail anns na h-Eileanan an Iar le Iain Latharna Caimbeul (1906-1996), a’ tòiseachadh anns na 1930an. Tha Tobar an Dualchais cuideachd a’ toirt seachad sealladh air na h-atharrachaidhean a ghabh àite ann an Alba anns an 20mh linn, le daoine cumanta bho air feadh na dùthcha ag innse mu sheann dòighean a bha faisg air a dhol à bith, agus a’ bhuaidh a bha aig an sin air na coimhearsnachdan aca.

Ged a tha mìltean de chlàran a-nise air ar làrach-lìn, tha mìltean eile bho Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba agus bho Chruinneachadh Chanaigh a’ feitheamh ri bhith air an catalogadh agus rin cur air an làraich. Gus ar cuideachadh le seo a dhèanamh, tha sinn a’ toirt cuireadh dhan mhòr-shluagh airgead a chur ris ar niomairt, a gheibhear aig sponsume.com/project/tobar-dualchais agus a bhios a’ ruith gu 15 Dùbhlachd 2013. Tha duaisean rim buannachadh leis a h-uile neach a bheir seachad airgead, a’ gabhail a-steach chlàraidhean bho ur luchd-ealain air mhuinntireas, Julie Fowlis agus Chris Wright, chùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig agus ballrachdan de dh’Urras Nàiseanta na h-Alba.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Tobar an Dualchais agus air an iomairt maoineachaidh seo, cuiribh fios gu Mairead Dhòmhnallach (Stiùiriche) air 01471 888 600 / md2.smo@uhi.ac.uk no gu Chris Wright (Manaidsear n h-Iomairt Maoineachaidh) air 07826 075 019 / chris.wright@ed.ac.uk.