Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Taic-Maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba airson Streap: Teisteanas For-Cheum ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

05/2020

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte £65,000 de dh’airgead taic-maoineachaidh fhaighinn bho  Riaghaltas na h-Alba airson a’ phrògraim Streap a ruith anns an ath bhliadhna acadaimigeach.

’S e teisteanas for-cheum ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre Mhaighstireachd a tha ann an Streap.  Tha am prògram ag amas air tidsearan aig a bheil a’ Ghàidhlig agus tha clàraichte leis an GTCS (san sgoil-àraich, bun-sgoil neo àrd-sgoil) a tha a’ lorg ionnsachadh proifeiseanta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus cuideachd air tidsearan a tha an-dràsta ann am foghlam tro mheadhan na Beurla agus a tha airson gluasad gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. 

Tha trusadh airson an ath chuairt de Streap (An t-Sultain 2020) air tòiseachadh.  Tha a’ mhòr chuid den phrògram air a lìbhrigeadh air loidhne, le trì coinneamhan aghaidh ri aghaidh ann an Glaschu agus seiseanan ionnsachaidh air a’ fòn.  Tha e air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus tha cothrom aig luchd-teagaisg an t-eòlas agus an tuigse air teòiridh agus rannsachadh air cùl foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh, aig an aon àm ’s a tha iad a’ leasachadh an sgilean Gàidhlig agus tuigse air gràmar na Gàidhlig. 

Tha Streap air a ruith ann an com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.  Thèid na cosgaisean uile airson Streap a fhrithealadh, cosgaisean siubhail agus cosgaisean teagaisg, a phàigheadh leis an taic-maoineachaidh seo. 

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo: http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/streap neo cuiribh fios gu Anna Thirkell, Co-òrdanaiche a’ Phrògraim ath.smo@uhi.ac.uk