Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ri Buidhnean Thràth-bhliadhnaichean

10/2017

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart, agus Riaghaltas na h-Alba air taic ionmhais do Bhuidhnean Thràth-bhliadhnaichean fhoillseachadh an-diugh (Diluain 16 Dàmhair) aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Thèid £107,911 gu 40 buidheann airson pròiseactan a chur air dòigh air feadh tìr-mòr Alba fon sgeama Thràth-bhliadhnaichean a tha air a ruith le Bòrd na Gàidhlig agus Comann nam Pàrant Nàiseanta às leth an Riaghaltais.

Tha na diofar Bhuidhnean Thràth-bhliadhnaichean a’ cur measgachadh de phròiseactan air adhart ann an coimhearsnachdan air feadh Alba a bhios a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do dhaoine òga agus teaghlaichean gu bhith a’ cluich agus ag ionnsachadh  tro mheadhan na Gàidhlig. Tha soirbheachas nam buidhnean seo gu math cudromach ann a bhith a’ fàs iarrtasan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus airson taic a thoirt do theaghlaichean a tha airson gum bi a’ chlann aca a’ faighinn mòr-bhuannachd bho bhith dà-chànanach.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gu bheil tòrr de na buidhnean thràth-bhliadhnaichean air an ruith le daoine a tha ag obair gu saor-thoileach agus gum bi an luchd-obrach thràth-bhliadhnaichean aig a’ Bhòrd fhèin a’ cur taic riutha.

A bharrachd air an taic ionmhais a chaidh fhoillseachadh aig a’ Mhòd tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le buidhnean air pròiseactan mar Bookbug far a bheil trèanadh air a thoirt seachad gus am bi comas aig na buidhnean na seiseanan ionadail aca fhèin a ruith tron Ghàidhlig agus cuideachd tha am Bòrd air goireasan PlayTalkRead fhoillseachadh a tha gu sònraichte airson clann eadar 0-3 bliadhna a dh’aois.

Tron bhliadhna tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd a’ cumail taic ri sgeamaichean ionmhais eile le taic àrachais airson nam buidhnean thràth-bhliadhnaichean nam measg.

Thuirt Mona Wilson, Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn ag aithneachadh gu bheil barrachd agus barrachd theaghlaichean air ùidh a shealltainn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha an taic seo bhon Bhòrd agus an Riaghaltas a’ ciallachadh gun urrainn do na buidhnean saor-thoileach agus buidhnean eile seiseanan cluich agus cùram-chloinne tron Ghàidhlig a chur air adhart air feadh Alba. Cumaidh Bòrd na Gàidhlig taic ri buidhnean bho na h-Eileanan an Iar gu Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh agus bho Ìle gu Siorrachd Obar Dheathain airson tachartasan diofraichte a thoirt gu bu buil tron sgeama.”

Thuirt Magaidh Wentworth, Oifigear Phàrant le Comann nam Pàrant Nàiseanta: “Tha sinn toilichte an taic ionmhais fhaighinn airson cuideachadh le cosgaisean nam buidhnean Thràth-bhliadhnaichean far am bi tòrr a’ dèanamh ceangal leis a’ Ghàidhlig airson a’ chiad uair. Tha e cudromach gum bi na tràth-bhliadhnaichean agus seirbheisean cùraim-chloinne a’ faighinn neartachadh ma tha sinn airson fàs cunbhalach fhaicinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha clann comasach air na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh mus tèid iad gu foghlam reachdail far am bi iad a’ faighinn chothroman bogaidh aig ìre nan tràth-bhliadhnaichean. Tha na buidhnean cuideachd a’ toirt taic do agus a’ brosnachadh phàrantan, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich, airson Gàidhlig a chleachdadh anns na dachaighean aca, rud a bhios gu math feumail ann a bhith a’ cuideachadh gus Gàidhlig a thoirt bho ghinealach gu ginealach – rud a bu chòir a bhith againn mar amas ma tha sinn  airson gum bi ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig ann.”

Thuirt Marc MacDhòmhnaill, am Ministear airson Cùraim-chloinne is nan Tràth-bhliadhnaichean aig Riaghaltas na h-Alba: “’S e amas an Riaghaltais gum bi toiseach beatha na cloinne agus na h-òigridh ann an Alba cho math ’s a ghabhas agus cuidichidh an taic seo Bòrd na Gàidhlig agus na buidhnean Thràth-bhliadhnaichean ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig seasmhach san àm ri teachd. Tha an t-ionmhas seo a’ cur ri iomairtean eile a th’ aig Riaghaltas na h-Alba mu thràth airson taic a thoirt do na tràth-bhliadhnaichean agus tha e cuideachail do phàrantan a tha airson ceum eile a ghabhail ann a bhith a’ foghlamachadh an cuid chloinne ann an cànan a tha iad a’ taghadh.”