Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A’ taisbeanadh ealain is cultar nam mion-chànanan Ceilteach is Eòrpach

06/2013

Bithear a’ togail bratach nan cànanan Ceilteach agus mion-chànanan Eòrpach nas fhaide air a’ mhìos seo aig co-labhairt ealain is chultarach aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thig buidhnean nàiseanta is eadar-nàiseanta còmhla aig ‘Tional’ eadar 26-28 Ògmhios gus taisbeanadh a dhèanamh air iomairtean is pròiseactan sa bheil iad an sàs agus gus tuilleadh obrach agus co-obrachaidh a bhrosnachadh eadar buidhnean mion-chànain sna h-ealain agus a tha tarraing air na diofar dhualchasan.

Bidh a’ cho-labhairt a’ coimhead air dualchas is gnàthsan ùra, togail lìonraidhean, leasachadh cànain, agus cho cudromach agus a tha cultar is tachartasan cultarach ann a bhith neartachadh choimhearsnachdan agus ann a bhith daingneachadh deagh ìomhaigh do mhion-chànanan, gu sònraichte am measg òigridh. Bithear cuideachd a’ coimhead air an àite a th’ aig tachartasan is iomairtean cultarach ann a bhith cruthachadh obraichean, a’ cur ri sgilean is comasan dhaoine agus ann a bhith stèidheachadh ionadan mar Sabhal Mòr Ostaig nar linn didseatach fhèin.

Thèid prìomh òraid na co-labhairt a lìbhrigeadh le Fionnbar Ó Brolcháin an sgrìobhadair is neach-eaconamais à Baile Àtha Cliath, a tha san leabhar aige,  ‘Capitalising on Culture, competing on Difference’ ag ràdh, “gu bheil mar a tha mion-slòigh is mion-chànanan mar a th’ againne sònraichte na neart, chan eil na laigse. Bu chòir dhuinn coimhead air na h-eadar-dhealachaidhean cultarach againn mar ghibht àraid agus chumhachdach.”

A thuilleadh air na h-òraidean is deasbadan, bidh cothrom aig daoine coinneachadh ri luchd-ealain is buidhnean mion-chànain eile a tha an sàs sna h-ealain agus ann am pròiseactan cultarach, agus thathar an dòchas mar thoradh air sin gun tig tuilleadh phròiseactan co-obrachaidh gu buil. Fad nan trì latha bidh na diofar ealain gan taisbeanadh beò aig a’ cholaiste. Bidh dealbhan-cluiche ann, consairtean, cèilidhean agus taisbeanaidhean luchd-ealain. Am measg nan taisbeanaidhean ealain a bhios ann bidh an Neach-ealain Lèirsinne ùr air Mhuinntireas aig a’ cholaiste Alex Boyd a’ sealltainn feadhainn de na dealbhan-camara sònraichte a tha e air a thogail agus e a’ coimhead air tìr nan Gàidheal air an oir. Cuideachd, bidh Màiri Anna NicUalraig Ceòladair air Mhuinntireas aig SMO a’ taisbeanadh toraidhean a h-obrach agus i air a bhith coimhead air òrain Ghàidhlig Ghlaschu. Am measg nan tachartasan eile a bhios ann bidh: cèilidh eadar-nàiseanta, dealbh dhen Eilean Sgitheanach tro cheòl is ìomhaighean le Art MacCarmaig, Blàr Dùghlas agus Cailean MacIllEathain, taisbeanadh le dannsairean, actairean is luchd-ciùil òga bho Èirinn is a’ Chuimrigh bho na buidhnean Theatr Felinfach & Án Lab.

A’ bruidhinn air a’ cho-labhairt thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig a’ cholaiste: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Tional gu bhith aig Sabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna a tha sinn fhìn a’ comharrachadh gu bheil 40 bliadhna ann bho chaidh a’ cholaiste a stèidheachadh. Seo a’ chiad turas a tha an cruinneachadh aig na Nàbaidhean Ceilteach air a bhith ann an Alba, tha e air a bhith ann an Èirinn agus sa Chuimrigh mu thràth, agus tha e a’ tighinn dhan t-Sabhal Mhòr aig àm gu math iomchaidh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri tachartas far am bi cothrom aig daoine bho chultaran mion-chànain coimhead air an dòighean san urrainn dhaibh obair còmhla agus tha sinn an dòchas gum faigh iad brosnachadh bho obair chàch a chèile.”

Thuirt Meic Llewellyn bho na Nàbaidhean Ceilteach, a’ bhuidheann a tha air cùl Tional: “Seo an treas cruinneachadh aig na Nàbaidhean Ceilteach taobh a-staigh sia bliadhna, agus b’ ann air leth torrach a bha na dhà mu dheireadh. Mar as àbhaist, tha e amas dhuinn ar coimhearsnachdan cànain tùsail a neartachadh le bhith cruthachadh agus a’ togail air obair chom-pàirt. Sin mar a bhios sinn a’ roinn ar cuid sgilean, eòlais, misneachd agus dùilean - chan eil e gu diofar dè an seòrsa ealain a th’ ann.

“An turas seo bidh eòlaichean bho mhion-chultaran eile còmhla rinn - bho Galicia, Dùthaich nam Basgach, Friesland, na h-Eileanan Fàrach, agus Croàitia fiù ’s. ’S e ar prìomh amas gun tig iomairtean lèirsinneach ùr gu bith mar thoradh air an tachartas seo, a’ meudachadh èisteachdan air feadh na h-Eòrpa, a’ cruthachadh obraichean is chothroman, a’ leudachadh sealladh a h-uile duine. Agus chan eil àite nas fheàrr na Sabhal Mòr Ostaig fhèin airson a bhith cur air adhart an amais sin.”

Fhuair Tional taic-airgid bho grunn bhuidhnean, nam measg bha Urras Paul Hamlyn, Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Foras na Gaeilge, Comhairlean Ealain na Cuimrigh agus na h-Èireann agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tòisichidh a’ cho-labhairt air Diciadain 26 Ògmhios le cothrom air turas cultarach timcheall an Eilein Sgitheanaich agus tha àite no dhà fhathast air fhàgail do dhuine sam bith aig a bheil ùidh a dhol dhan cho-labhairt. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu post@celtic-neighbours.eu