Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tosgaire Òg na Bliadhna 2019

11/2019

Choisinn Lucy Hannah, Manaidsear ionad cùram-chloinne Fàs Mòr, duais Tosgaire Òg na Bliadhna aig na Duaisean Gàidhlig 2019.  

‘S ann à Slèite san Eilean Sgitheanach a tha Lucy agus tha i air a bhith ag obair aig Fàs Mòr airson còrr is trì bliadhna a-nise.  Tha i fhèin agus an sgioba aice a’ cruthachadh àrainneachd shàbhailte, spòrsail agus thaiceil airson clan, far an cleachd agus far an neartaich iad an cuid Gàidhlig. 

Bha Lucy na sàr sgoilear ann am Bun-sgoil Shlèite agus ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus le ùidh ann an teagasg, thòisich i ag obair aig Fàs Mòr mar neach-cluiche ‘s i fhathast a’ beachdachadh air na bha roimhpe.  Ach chòrd an obair rithe glan agus bha cothrom ann an uairsin feuchainn air an dreuchd Manaidsear fo-thrèanadh.  As dèidh dhi an SVQ3 a choileanadh, tha Lucy a-nise san dàrna bliadhna den cheum BA Childhood Practice mar phàirt den leasachadh luchd-obrach aice. 

A’ bruidhinn às leth Bòrd Fàs Mòr, thuirt Nicola NicThòmais: “Tha Lucy – no Lucy Mhòr, mar a th’ aig a’ chloinn oirre – cho math sa dreuchd seo agus na fìor thosgaire do dh’òigridh eile a tha airson fuireach san sgìre agus airson cothroman fhaighinn agus adhartas a dhèanamh sa Ghàidhlig.  Tha i cuideachd cho brosnachail dhan chloinn, do na pàrantan agus dhan sgioba aice. 

 “Tha e inntinneach a’ bhith a’ faicinn a’ bhuaidh a th’ aig Lucy, an sgioba agus gu dearbh àite mar Fàs Mòr, air òigridh agus pàrantan a’ gluasad an uairsin dhan Sgoil-àraich agus air adhart gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa Bhun-sgoil. Tha an co-dhùnadh agus an gluasad fhèin air a bhith nas fhasa do chuid air sàilleibh sin. 

“Tha sinn cho toilichte gu bheil Lucy air an aithneachadh seo fhaighinn dhi fhèin. Tha sinn dìreach cho fortanach cuideigin a leithid Lucy a bhith againn os cionn na sgioba.  Chan eil sian na dhragh dhi agus tha i an còmhnaidh a’ cur a’ chlann air thoiseach.  Mar a bhios na pàrantan fhèin ag ràdh, “Tha feum againn uile air Lucy Mhòr”! 

Bha màthair Lucy, Claire Rothach, am measg na pàrantan a thòisich Fàs Mòr, a dh’fhosgail ann an 2004 mar thoradh ‘s nach robh a leithid de sheirbheis ri fhaotainn san sgìre. Bha Lucy fhèin sa chiad bhuidheann de dh’òigridh a fhuair cùram-chloinne aig an ionad. Mar sin tha e air leth iomchaidh gu bheil i nise a’ faighinn aithneachadh airson a h-obair ann. 

(Dealbhan: Lucy a’ togail an duais agus dealbh le a màthair, Claire Rothach, agus a bràmar, Peter MacCusbic) 

Tha Fàs Mòr na ionad cùram-chloinne airson clann aois 0-12 bliadhna a dh’aois. 48 seachdain sa bhliadhna. Tha an t-ionad stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha clann a’ tighinn bho ceann a deas an Eilean Sgitheanaich agus Loch Aillse. ‘S e ionad Gàidhlig a th’ ann agus gabhaidh sinn clann ged nach eil a’ Ghàidhlig aca fhathast. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ ruith Preantasan Bun-ìre (Foundation Apprenticeships).Tha Fàs Mòr na chompanaidh earranta agus na charthannais clàraichte an Alba.