Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

TOSTA 2016

06/2016

Tha seachd coimhearsnachdan mhion-chànanan air costa a' Chuain Siar, Alba, A' Chuimrigh, Dùthaich nam Basgach, Frìoslann, Èirinn, Gailìsia agus A' Chòrn air tighinn còmhla airson com-pàirteachas cruthachail a dhèanamh stèidhichte air mion-chànanan na Roinn Eòrpa. Bidh Tosta, a tha na prògram anns a bheil tachartasan cultarail, a' brosnachadh iomadachd chànanan agus a' briseadh nan cnapan-starra cànanach agus a' toirt ort spèis is meas a chur air na mion-chànanan Eòrpach. Bidh Tosta cuideachd ag obair mar aon de na riochdairean aig Donostia / San Sebastian 2016 Cathair Chultarail na h-Eòrpa.

'S e being am broinn bàta as ciall don fhacal ‘tosta’ ann an iomadh mion-chànan air feadh costa Eòrpach a' Chuain Siar.

Thèid fèis 2-3 làithean a chumail anns gach coimhearsnachd, a’ cleachdadh seata de bhogsaichean-bathair a thèid seòladh do gach port. 
 

TOSTA a' tadhal air Sabhal Mòr Ostaig

Tadhlaidh TOSTA air Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach eadar 5mh & 6mh den t-Iuchar mar phàirt de dh’Fhèis an Eilein, a tha a’ ruith ann an Slèite fad mhìosan an Iuchair agus an Lùnastail.  Am bliadhna sa thèid 25 bliadhna den Fhèis a chomharrachadh agus ‘se Fèis TOSTA a’ chiad thachartas sa chlàr-ama.

Bidh prògram làn cheòl agus tachartasan anns am faod an luchd-èisteachd pàirt a ghabhail agus a-mach às na bogsaichean bathair thig àrd-ùrlar agus àite taisbeanaidh far an tèid mòran dhe na tachartasan an cumail.  A-measg na bhios a’ dol, bidh taisbeanadh agus òraid bhon luchd-ealain air mhuinntireas, bùithtean-obrach, clasaichean Gàidhlig airson luchd-tòiseachaidh, ealan graffiti, filmichean goirid Gàidhlig, bothan rèidio, còmhlan-ciùil agus biadh.  Air oidhche ‘Mhàirt 5mh, bidh còmhlan ciùil bho Dùthaich nam Basgach, ‘Oreka Tx’, a’ cluich agus bidh club oidhche na Fèis ann as dèidh làimh.  Air oidhche ‘Chiadain, cluinnear bhon Chòmhlan TOSTA a tha air a dhèanamh suas de 7 ceòladair, aon bho gach dùthaich a tha an sàs.  ‘Si an ceòladair Albannach, Rona Wilkie, a tha a’ riochdachadh Alba.

Gheibh sibh liosta slàn de na tachartasan aig TOSTA a bhios a' gabhail àite aig Sabhal Mòr Ostaig gu h-ìosal.

Fèis TOSTA @ SMO 5-6/7/16

Gheibhear fiosrachadh slàn air TOSTA 2016 air an làrach-lìn aca http://tosta2016.eu/