Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Turas Còmhnaidheach Gàidhlig airson Òigridh

03/2018

Chuir Sabhal Mòr Ostaig OGE, ann an com-pàirteachas le Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, agus le taic ionmhasail bho Bhòrd na Gàidhlig, air dòigh tachartas còmhnaidheach bliadhnail ‘Seachdain nan Deugairean’ air an t-seachdain sa chaidh aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Slèite, san Eilean Sgitheanach.

Ghabh 32 neach òg bho Àrd-Sgoiltean Phort Rìgh agus A’ Phluic com-pàirt san tachartas a mhair 4 làtha agus a bha a’ com-pàirteachadh luchd-labhairt fileanta agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Bha cothrom aig na daoine òga com-pàirt a ghabhail ann an grunn bhùithtean-obrach, a’ gabhail a-steach dràma, sgrìobhadh cruthachail, sgilean nam meadhanan agus cleasan foghlaim air a’ bhlàr a-muigh. Bha na gnìomhan air an dealbh a rèir an comais cànain.

Thuirt Eairdsidh MacGilleathain, Leas Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig. “Tha sinn cianail toilichte a bhith a’ cur air adhart an tachartais chudromach seo an com-pàirt le Comhairle na Gàidhealtachd agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha e a’ toirt cothrom mìorbhaileach do dhaoine òga a bhith a’ gabhail pàirt ann an tachartasan troimh mheadhan na Gàidhlig agus a bhith a’ cleachdadh a’ chànain taobh-a-muigh na sgoile ann an diofar shuidhichidhean. Tha e cuideachd a’ toirt misneachd dhaibh a’ Ghàidhlig a chleachdadh a-measg a chèile agus a’ togail an aire gu cothroman co-cheangailte ris a’ chànan.”

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghain, Cathraiche Bhuidheann Stèidheachadh Ro-innleachd na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, “'S e tachartas chudromach do dhaoine òga a th' ann an ‘Seachdain nan Deugairean’ air sàillibh 's gu bheil cothrom air leth na lùib airson na sgilean cànain a neartachadh is a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair theagaisg.

Lean Mgr. MacFhionghain air, “Tha cothrom aig sgoilearan cuideachd a dhol an sàs ann an gnothaichean cruthachail no spòrsail agus sgilean ùra a thogail fhad 's a thathar ag aithneachadh nan lìonraidhean nas fharsainge de sgoilearan aig sgoiltean eile.  Tha an t-seachdain seo a' leigeil le daoine ionnsachadh mun deidhinn fhèin, mu dhaoine eile is mun cho-luadar tro ghnìomhan foghlaim neo-fhoirmeil anns a bheil cleachdadh cànain, spòrs, dùbhlan agus ionnsachadh.  Tha mi fìor thoilichte gu bheil an tachartas bhliadhnail shoirbheachail seo stèidhichte air a' chom-pàirteachas leantainneach eadar Sabhal Mòr Ostaig agus a' Chomhairle.”