Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Urram airson Iar-phrionnsapal an t-Sabhail

05/2018

Chaidh an t-seirbhis aig Iain Tormod MacLeòid, Iar-phrionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, do dh’fhoghlam Gàidhlig aithneachadh le Comhaltachd Urramach air a thoirt dha le Comann Litreachais na h-Alba (ASLS) aig cuirm ann an Dùn Èideann Dihaoine 27 Giblean. 

Buinidh Iain Tormod do Stafainn san Eilean Sgitheanach, agus chaidh a theagasg aig Àrd-sgoil Phort  Rìgh, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Foghlaim Chnoc Iòrdain.  Thòisich e na dhreuchd aig Àrd-sgoil a’ Phluic, far an robh e na thidsear eachdraidh agus, ann an 1983, b’ e a’ chiad òraidiche a chaidh fhastadh le Sabhal Mòr Ostaig, far an do leasaich e foghlam leantainneach agus àrd-fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh an t-urram seo air a bhuileachadh air daoine a tha, ann an iomadach dòigh, air cur gu mòr ri litreachas, cànanan is cultar na h-Alba agus bha Comhairle a' Chomainn airson saothair mhòr Iain Thormoid aithneachadh ann an leasachadh na Gàidhlig sna bliadhnaichean mòra a tha e air a bhith aig a’ Cholaiste.

Thuirt Ceannard an ASLS, An t-Ollamh Alison Lumsden, a tha na h-Ollamh ann am Beurla aig Oilthigh Obair Dheathain: “A bharrachd air a bhith a' stiùireadh còrr is 40 luchd-obrach foghlaim, tha Iain Tormod air urram mòr a chosnadh am measg oileanaich an t-Sabhail Mhòir mar Cheannard an Fhoghlaim. Tha còrr is 1000 oileanach air ceumnachadh a-nis bhon Cholaiste agus faodar a ràdh gu bheil e air taic a thoirt don a h-uile duine aca, ann an dòigh air choreigin, a leig leotha an cuid foghlaim a choileanadh gu soirbheachail. Tha lèirsinn, spionnadh, dìcheall agus suairceas Iain Thormoid air cur gu mòr ri leasachadh na Gàidhlig ann an Alba. Tha Sabhal Mòr Ostaig a' ciallachadh Iain Thormoid do mhòran agus anns a' bhliadhna a leigeas e dheth a dhreuchd, tha e na thoileachas mòr do ASLS gun urrainn dhuinn a chlach-mhìle air leth a chomharrachadh.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, An t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha Iain Tormod làn airidh air an urram seo bho Chomann Litreachais na h-Alba a tha ag aithneachadh na tha e air a dhèanamh gus a’ Ghàidhlig ath-bheothachadh agus suidheachadh na Gàidhlig ann am foghlam a neartachadh is a leasachadh.  Cha bhiodh Sabhal Mòr Ostaig air an àrd inbhe a th’ aige an-diugh a chosnadh mar ionad àrd-fhoghlaim gun cheannas, lèirsinn, mhòr shaothair agus dhealasachd Iain Thormoid. Tha e iomchaidh gu bheil sin air aithneachadh a-nis ann an caochladh dhòighean le diofar bhuidhnean.”