Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Urram MBE ga bhuileachadh air an Ollamh Ùisdean Cheape

01/2018

Chaidh MBE a bhuileachadh air an Ollamh Ùisdean Cheape aig àm na Bliadhn’ Ùire mar aithneachadh air na tha e air a dhèanamh a thaobh Foghlam Cultural na h-Alba agus Ceòl Traidiseanta. 

Tha Ùisdean air a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig bho 2007 nuair a ghluais e bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Èideann. Tha e air a bhith na stiùiriche air a’ chùrsa MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd, a dhealbhaich e fhèin le taic a cho-obraiche, an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.  Tha e cuideachd a’ teagasg air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus tha e na bhall de Bhuidheann Stiùiridh Thobair an Dualchais. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an leasachadh phròiseactan rannsachaidh agus aiseag eòlais.

Tha Ùisdean air mòran fhoillseachadh is a chur an clò agus tha an obair sin a’ sealltainn cho farsaing ’sa tha a’ chuid eòlais agus a sgoilearachd, a’ gabhail a-steach eachdraidh, cànan, litreachas, taighean-tasgaidh, ceòl agus cultar dùthchasach.  Tha e air òraidean a lìbhrigeadh air iomadh cuspair eadar-dhealaichte agus gu grunn dhiofar bhuidhnean is ionadan san dùthaich seo is thall thairis. 

Tha Ùisdean air mòran aithneachadh acadaimigeach fhaighinn bhon a thàinig e gu SMO.  Às dèidh dha PhD a dhèanamh ann an 2006 aig Oilthigh Dhùn Èideann, fhuair e urram Ollamhachd bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an 2009.  An aon bhliadhna, chaidh Duais Cuimhneachaidh Anthony Baines a thoirt dha leis an Galpin Society.  Tha e air a bhith na neach-sgrùdaidh airson Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Oxford, bidh e a’ teagasg aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus tha e cuideachd na neach-comhairle phròiseactan aig Oilthigh Ghlaschu.  Tha e an-dràsta a’ stiùireadh gnothaichean bho thaobh SMO airson cùrsa air Cultar agus Dualchas na h-Alba, a chaidh a dhealbhachadh ann an co-bhuinn le Oilthigh Dhùn Èideann. 

Tha cliù agus meas air Ùisdean a tha a’ dol fad is farsaing, le iarrtas eadar-nàiseanta son a’ chuid eòlais is a liut air òraid a lìbhrigeadh a’ tighinn à iomadach àite, nam measg Canada, an Fhraing, a’ Ghearmailt, na Stàitean Aonaichte agus Èirinn.  

A’ cur fàilte chridheil air an naidheachd, thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, “Tha Ùisdean làn airidh air an aithneachadh nàiseanta seo airson na tha e air a dhèanamh gus cultar agus dualchas na dùthcha a rannsachadh, a mhìneachadh, a chur an cèill agus fhoillseachadh dhan phoball.  Sàr sgoilear, sàr Ghàidheal agus sàr dhuine.”