Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Oileanaich

Le bhith a' roghnachadh cùrsa a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig, bidh thu a' tighinn gu àrainneachd Ghàidhlig aig cridhe coimhearsnachd far a bheil an cànan fhathast làidir. Bidh thu air do bhogadh anns a' Ghàidhlig eadar ionnsachadh agus beatha làitheil agus bidh an cothrom as fheàrr agad airson an cànan ionnsachadh agus a bhruidhinn.

Tha a' Cholaiste suidhichte ann an sgìre eireachdail ann an Slèite ann am fìor cheann a deas an Eilein Sgitheanaich. Tha iomadh buannachd ann a gheibh thu aig colaiste bheag, dhùthchail mar Shabhal Mòr Ostaig an coimeas ri oilthighean mòra sa bhaile mhòr.

Bidh thu a' tighinn gu colaiste far a bheil na clasaichean nas lugha, far am faigh thu cothrom bruidhinn ris an luchd-teagaisg gu cunbhalach agus far am faigh thu taic is cuideachadh acadaimigeach is pearsanta sam bith a tha a dhìth ort airson do làn chomas a thoirt gu buil.

Bidh cothrom agad air goireasan ionnsachaidh, teicneolas fiosrachaidh is rannsachaidh air leth math le sàr leabharlann, seòmar coimpiutaireachd agus stiùideo clàraidh is craolaidh ùr cuideachd air an làraich. Tha àiteachan-fuirich sònraichte math aig a' Cholaiste anns am b' urrainn dhut fuireach, le seòmraichean ùra, cofhurtail agus fras-nighe agus wi-fi an-asgaidh anns gach fear.

Bidh thu am measg coimhearsnachd chridheil, chàirdeil far a bheil daoine a' tarraing air an aon ràmh ag obair a dh'ionnsaigh maith na Gàidhlig.

Agus cha bu bheag an càirdeas a nì thu an seo.

 --}