Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Àite-fuirich

'S e àm togarrach a tha ann a bhith a' dol gu oilthigh no colaiste, gu sònraichte ma tha thu a' fàgail do dhachaigh airson a' chiad turas. 'S e spòrs a tha ann, agus tha àite-fuirich oileanaich na dheagh chothrom airson eòlas a chur air daoine eile is dàimhean a thogail.

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann àiteachan-fuirich cofhurtail, ùra do dh'oileanaich, suidhichte ann an sgìre eireachdail le seallaidhean thar Linne Shlèite. Tha 84 seòmar ann le taigh-beag anns a h-uile seòmar agus tha 3 seòmraichean ann a fhreagras air cathraichean-cuibhle. Tha cuideachd wi-fi an asgaidh anns gach rùm. Gheibh thu aodach-leapa agus searbhadairean leis an t-seòmar agus thèid na seòmraichean a ghlanadh a h-uile seachdain. Anns gach togalach fuirich, tha cidsin agus seòmar coitcheann, agus tha innealan nigheadaireachd ann cuideachd.

Gheibh thu do bhiadh an lùib cosgaisean fuirich agus tha a' Cholaiste ro dheònach coimhead ri feumalachdan bidhe sònraichte. Tha seòmar-bidhe na Colaiste na àite far am bi gach neach ag ithe còmhla, a' toirt cothrom dhut eòlas a chur air a h-uile duine.

Tha àite-fuirich ga ghealltainn do gach oileanach a tha air àite fhaighinn air cùrsa làn-thìde aig a' Cholaiste.

A' Fuireach taobh a-muigh na Colaiste

Ma dh'fhaoidte gum bi thu ag iarraidh àite-fuirich taobh a-muigh na Colaiste, ma tha teaghlach agad, mar eisimpleir. Tha e doirbh uaireannan taighean no seòmraichean air màl a lorg, gu sònraichte air gabhaltas fada. Bhiodh e iomchaidh planaichean a chur air dòigh cho luath 's a ghabhas ma tha thu a' lorg àite dhut fhèin.

Airson àite a lorg, b' urrainn dhut sanas a chur anns a' phàipear ionadail, Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, no sanas a chur ann am bùithtean na sgìre agus air siostam post-dealain na Colaiste.

Ma tha ceistean agad, no comhairle a dhìth, a thaobh airgid is àiteachan-fuirich, leig fios dha sgioba Seirbheisean Taic Oileanaich againn.

 --}