Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Ceistean?

Ma chuireas tu fios thugainn, faodaidh sinn mòran de na ceistean agad a fhreagairt mus tig thu. Ach seo agad feadhainn de na ceistean as cumanta a tha ann mu bheatha aig Sabhal Mòr Ostaig.


1. A bheil thu a' gealltainn gum bi àite-fuirich agam?

Cho luath 's a thèid àite làn-thìde air a' chùrs' a thaghadh an t-oileanach a thabhann, tha sinn a' gealltainn gum bi àite-fuirich ann.


2. Am bu chòir dhomh aodach-leapa is searbhadairean agam fhìn a thoirt leam?

Faodaidh tu, ach cha ruig thu leas. Gheibhear aodach-leapa is searbhadairean bhon Cholaiste, is thèid seòmraichean a ghlanadh turas gach seachdain.


3. A bheil bùth air àrainn na Colaiste?

Tha, is e a' reic uidheam-sgrìobhaidh, leabhraichean cùrsa is rudan riatanach eile. Tha bùth bheag a' reic biadh is gròsaireachd dìreach dà mhìle bhon Cholaiste. Tha bùth mhòr anns a' bhaile mhòr as fhaisge oirnn, an t-Ath Leathann.


4. A bheil ATM aig a' Cholaiste?

Tha agus tha bhanaichean-banca a' tighinn dhan Cholaiste a h-uile seachdain.


5. A bheil club nan oileanach ann?

Tha bàr aig a' Cholaiste a tha fosgailte aig diofar amannan tron t-seachdain, agus airson chèilidhean, sheiseanan-ciùil agus thachartasan eile. Tha togalach ann, an urra ri Comann nan Oileanach, a dh'€™fhaodadh oileanaich a chleachdadh is a chumail mar gur ann leotha fhèin is a tha e.


6. Dè chosgas e a bhith a' fuireach air àrainn na Colaiste?

Ann an 2012-13, tha e a' cosg £3,200 airson seòmar, biadh agus seirbheisean co-cheangailte.


7. An tèid agam air an t-eadar-lìon fhaighinn?

Thèid. Faodaidh oileanaich an t-eadar-lìn a chleachdadh aig àm sam bith oir tha Wi-Fi ri fhaighinn an-asgaidh anns na seòmraichean aca, is tha àite-ceangail anns gach seòmar cuideachd. Tha Complannan na Colaiste fosgailte bho 9m gu 11f gach latha.


8. Càite am faigh mi srùbag?

Tha seòmraichean suidhe le TBh, inneal DBhD agus cidsin beag anns, no faisg air, gach togalach-fuirich. Gheibhear coire ann am feadhainn de na seòmraichean-cadail cuideachd.


9. Am bi àite gu leòr ann airson a' chàir agam, no a' bhaidhseagail agam?

Bithidh. Tha àiteachan-parcaidh gu leòr ann aig a' Cholaiste. Chuir Sabhal Mòr Ostaig sgeama baidhseagail air dòigh bho chionn greiseag agus bidh sinn a' tabhann ghoireasan stòrais ùra dha baidhseagalan a dh'€™aithghearr.


10. A bheil fònaichean-làimhe ag obair an sin?

Tha!