Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Cosgaisean 2012-13

Airson 2012-13, bidh àite-fuirich agus biadh a' cosg £3,400 sa bhliadhna. Feumaidh tu £100 a phàigheadh mus tig thu dhan Cholaiste airson an t-àite-fuirich agad a ghleidheadh. Nuair a thig thu, no ron sin, agus mus tèid do chlàradh gu h-oifigeil mar oileanach, faodaidh tu an còrr a phàigheadh no plana aontachadh airson earrannan a phàigheadh gu cunbhalach.

Ma tha thu ag iarraidh fuireach taobh a-muigh na Colaiste, bu chòir dhut buidseat a chur air dòigh le gu leòr airson cosgaisean a phàigheadh a h-uile mìos, a' tòiseachadh le mu £200-£250 gach mìos airson màl a-mhàin '€“ sin cosgais mìosa airson aon neach; bidh taigh, mar as trice a' cosg barrachd. Bidh rudan eile ri phàigheadh cuideachd ma tha thu a' fuireach far àrainn na Colaiste, leithid cunntasan-dealain, cìsean na Comhairle, cunntas-fòn is mar sin air adhart.

Gheibh thu fiosrachadh mu chosgaisean fuirich do dh'oileanaich air Cùrsaichean Goirid no a tha a' tighinn gu Sgoil Cheann-seachdain an seo.

Ma tha ceistean idir agad mu chosgaisean fuirich cuir fios gu Seirbhisean Taic Oileanaich.

Fios gu: Sheila Hamilton
Post-d: sm00smh@uhi.ac.uk
Fòn: 01471 888 303