Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Beatha Oileanaich

Tha barrachd na ionnsachadh an lùib beatha oileanach. Tha cothrom air fois agus spòrs agus air coinneachadh ri daoine ùra agus ri blasad fhaighinn de chultar eile agus feuchainn air rudan ùra, uile tro mheadhan na Gàidhlig.

Ceart cho math ri na goireasan sònraichte a th' aig Sabhal Mòr Ostaig, tha coimhearsnachd Ghàidhlig bheothail, chàirdeil ann le gu leòr a chumas a' dol thu. Dh'fhaodadh tu a dhol an sàs ann am buidhnean oileanaich aig a' Cholaiste agus tro OGE, leithid Comann nan Oileanach no UHISA, no dh'fhaodadh tu pàirt a ghabhail ann am buidhnean is gnothaichean na coimhearsnachd a tha a' tachairt san sgìre.

Tha am buidheann ealain, Seall, a' cumail thachartasan aig a' Cholaiste leithid cuirmean-ciùil, dealbhan-cluiche agus dannsa is chì thu a h-uile seòrsa rud eadar ceòl Afraganach is comadaidh Gàidhlig.

Bidh Club Film, a tha daonnan a' cur fàilte air buill ùra, a' sealltainn shreathan de fhiolman bho gach ceàrn den t-saoghal. Gheibh oileanaich ìsleachadh air prìsean ballrachd agus tiocaidean.

Tha cothroman gu leòr ann cuideachd airson cumail fallain, le sgioba ball-coise na sgìre, Slèite is an Srath FC, a' cluich shuas an rathad agus Club Badminton Shlèite a' coinneachadh gach seachdain aig a' Cholaiste. No is dòcha gun còrdadh clas eacarsaich aig a' Cholaiste riut no cuairt a-mach leis a' Chlub Choiseachd.

Gheibh oileanaich an t-Sabhail a-steach don leabharlann aig Caisteal Armadail an-asgaidh, is tasglann mìorbhaileach aca de phàipearan is uidheam eachdraidheil ceangailte ri eachdraidh na sgìre. Dh'fhaodadh tu a bhith nad bhall de Chomann Eachdraidh Shlèite, is grunn luchd-labhairt na Gàidhlig ann.

Tha ceòl làidir anns a' choimhearsnachd agus gu tric bidh seiseanan-ciùil a' dol aig a' Cholaiste agus anns na taighean-òsta faisg air a' Cholaiste. Bidh fàilte chridheil romhad airson pàirt a ghabhail annta. Is dòcha gu bheil thu ag iarraidh ceòl ròc no punc a chluich còmhla ri oileanaich agus luchd-obrach eile, a' posadh na Gàidhlig ri nòs ùr.

Tha grunn thaighean-seinnse is thaighean-òsta ann airson beatha air an oidhche a chumail beothail, agus bidh cothrom agad Gàidhlig a bhruidhinn bho mhoch gu dubh - tha e an urra riut fhèin dè cho spòrsail is a bhios an splaoid agad!

 --}