Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Buidhnean Oileanaich

Bidh iomadh cothrom agad a dhol an sàs ann am beatha na Colaiste is beatha nan oileanach nuair a thig thu dhan t-Sabhal Mhòr. Ma tha beachdan agad, no ma tha thu airson rudeigin atharrachadh, bidh dòighean ann airson do ghuth a thogail.

Dh'€™fhaodadh tu seasamh mar riochdaire-clas, cuideigin a bhios a' dèiligeadh ri cùisean acadaimigeach bho thaobh nan oileanach. Bidh cothrom agad rud sam bith a thogas daoine sa chlas agad a thoirt gu luchd-obrach acadaimigeach.

Bidh thu nad bhall den NUS, aonadh nàiseanta nan oileanach, agus de UHISA, sin buidheann a tha a' feuchainn ri ceanglaichean nas fheàrr a thogail do dh'€™oileanaich a tha a' frithealadh gach com-pàirtiche OGE.

Tha Comann nan Oileanach a' cur thachartasan air dòigh aig a' Cholaiste do agus às leth nan oileanach againn, leithid dannsa na Nollaig, a' Chèilidh Mhòr aig deireadh na bliadhna, agus rudan eile tron teirm. Bidh iad cuideachd ri gnothaichean spòrsail gus airgead a chruinneachadh, agus a' cur chuairtean air dòigh.

Gu tric, bidh na h-oileanaich a' tional airgid airson carthannais le tachartasan sònraichte air Latha Clann ann an Èis no Latha na Sròin Deirg.

Dh'€™fhaodadh tu cuideachd pàirt a chluich air Comataidh Comhairleachaidh nan Oileanach, buidheann a bhios na chothrom do dh'€™oileanaich is muinntir na Colaiste airson rudan a bhios a' bualadh air beatha nan oileanach a dheasbad leithid poileasaidhean, goireasan is eile.

Tha thu di-beathte comainn ùra a thòiseachadh cuideachd. Bho chionn ghoirid thòisich buidhnean karate, clasaichean eacarsaich, buidheann sgrìobhaidh agus club coiseachd.