Tha an làrach seo a' cleachdadh chriomagan. Am bu mhath leat cead a thoirt dhuinn airson criomagan a chleachdadh? Bu mhath.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh.

Home

Coimhearsnachd na Colaiste

Tha a' choimhearsnachd air leth cudthromach aig Sabhal Mòr Ostaig. On a tha sinn nar colaiste bheag ann an sgìre dhùthchail gheibh thu cothrom eòlas a chur air daoine gu luath agus com-pàirteachadh ann am beatha na Colaiste is na coimhearsnachd.

Tha prògram ealain na Colaiste ann far am faigh oileanaich ionnsachadh, taic is comhairle bho chuid den luchd-ealain as cliùitiche an Alba. An-dràsta, tha Maighread Stiùbhart ann mar Cheòladair na Colaiste, Pàdraig MacAoidh mar Sgrìobhadair na Colaiste, Artain Donald mar Neach-dràma na Colaiste agus Aileen Stackhouse mar Neach-ealain an t-Sabhail.

Thèid do bhrosnachadh, mar oileanach aig a' Cholaiste, gus cur ris na tha a' dol sa choimhearsnachd tro Urras Coimhearsnachd Shlèite no le bhith a' dol an sàs ann an tè de na pròiseactan coimhearsnachd a leithid Clean Sleat.

Tha iomadh buidheann is pròiseact stèidhichte san togalach ùr, Fàs, is bidh iad sin a' cur gu mòr ri saoghal na Colaiste agus a' leigeil le oileanaich a dhol an sàs ann an saoghal farsaing na Gàidhlig. Am measg nam pròiseactan sin tha Ionad Rannsachaidh Lèirsinn, Cànan, MG Alba, Ainmean-Àite na h-Alba, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Sealladh/Young Films.

Tha an t-ionad cùram-cloinne Gàidhlig, Fàs Mòr, stèidhichte aig a' Cholaiste cuideachd, is bidh iad fhèin a' sireadh taic bho phàrantan agus a' tairgsinn chothroman-obrach pàirt-ùine.