Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dè dh'fheumas mi?

An rud as motha a bha air m’ inntinn nuair a chuir mi an ceum mòr romham a dhol dhan oilthigh, ’s e dè dh’fheumas mi a thoirt leam? Tha fios agam a-nis, às dèidh a bhith a’ conaltradh ri oileanaich eile, nach robh mi leam fhìn sa bheachd sin. ’S e a’ chiad turas dhan a’ mhòr-chuid de dhaoine a’ bhith a’ fuireach air falbh bhon taigh agus fiù ’s mur e, tha e beagan eadar-dhealaichte a bhith a’ fuireach aig Sabhal Mòr Ostaig seach oilthighean eile air sgàth ’s gu bheil e cho iomallach.

Tha e follaiseach gum feum thu rudan bunaiteach a thoirt leat a leithid bruis-fhiaclan is aodach ach tha cuid a rudan ann a bhios tu daonnan a’ dìochuimhneachadh no nach eil fiù ’s a’ tighinn a-steach ort. Tha an liosta seo ann do dh’oileanaich is le oileanaich, de rudan a tha sinn den bheachd a bhios feumail, agus ’s dòcha ris nach eil sibh an dùil, airson a bhith nad oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig:

-Aodach dìonach agus blàth (tha an aimsir an seo gu math fliuch!)

-Brògan/ bòtannan dìonach freagarrach airson coiseachd (tha tòrr àitean brèagha far an tèid thu air chuairt)

-Teadaidh (Chan eil thu uair sam bith ro aosta airson fear)

-Rudan Pearsanta m.e. solais-sìthiche agus dealbhan (Nì seo an seòmar ùr agad nas cofhurtail agus beagan nas coltaiche ri dachaigh)

- Greimean gu leòr, tì agus cofaidh (Tha an Co-op turas beag air falbh)

-Stuth airson glanadh m.e. airson aodach agus stuth-nighe shoithichean (tha innealan-nighe an seo ach feumaidh sibh pùdair/siaban a thoirt leat)

-Bogsa airson Biadh (Ma tha thu airson biadh a thoirt air falbh bhon ionad-bhìdh airson ithe nas fhaide den oidhche no dìreach san t-seòmar agad)

-Botail uisge (Bidh am pathadh a’ tighinn ort ann an clasaichean agus tha botal gu math feumail)

-Càballan (Dèan cinnteach gu bheil càballan is plugaichean gu leòr airson nan innealan agad)

-Còmhdach Leapa agad fhèin (Tha còmhdaichean aig a’ Cholaiste ach bidh am fear agad fhèin a’ dèanamh do sheòmar beagan nas pearsanta)

-Stuth-sgrìobhaidh gu leòr agus pada-nòtaichean (Bidh seo a dhìth airson nan clasaichean)

-Gu leòr siaban airson an fhrasadair (’S docha nach eil an siaban as fheàrr leat ri fhaighinn sa bhùth)

-Aodach airson oidhcheannan a-muigh (chan eil thu airson an aon aodach a chur ort aig gach cèilidh a th’ againn mar sin thoir leat roghainn no dhà)

- Crochadairean-aodaich (Tha daoine an còmhnaidh a’ dìochuimhneachadh gum feum iad rudeigin air an croch iad an cuid aodaich)

-Basgaid mhòr (Chan eil thu a’ dol a nighe do chuid aodaich cho tric ’s a tha thu an dùil)

-Cnap Blu-tac (Chan eil fhios agad ciamar a bhios e feumail gus a bheil feum agad air)

-Ionadan-stòrais (Tha e feumail àitean a bharrachd a bhith agad san t-seòmar agad)

Tha mi an dòchas gu bheil seo feumail dhut agus nach bi uiread a dhragh ort mun phàirt sgoinneil seo de do bheatha!