Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cuirm Luchd-ceuma 2020



Bu mhath leinn cumail ann an conaltradh leibh tron sgeama luchd-ceumnachaidh againn.  Nach luchdaich sibh a-nuas a’ bhileag seo, lìonaibh e agus tilleabh thugainn e gu margaideachd@smo.uhi.ac.uk  

 

  Bileag Alumni 2020 (PDF)

 

Bileag Alumni 2020 (DOC)

 


 

Tha sinne aig Sabhal Mòr Ostaig air leth moiteil às na h-oileanaich againn, a chuir crìoch air an cuid cheumannan is dhuaisean acadaimigeach eile, ann am bliadhna a bha gu math dùbhlanach dhuinn uile is ged nach urrainn dhuinn daoine a thoirt còmhla fhathast, airson seirbheis ceumnachaidh fhoirmeil, tha sinn airson soirbheachas nan oileanach againn a chomharrachadh.

 

Gheibh thu gu h-ìosal ceap, sgrolaichean agus sanasan cèic ceumnachaidh as urrainn dhut clò-bhualadh airson na cuirme. Bhitheamaid nad chomain nan sgaoileadh tu dealbhan air na meadhanan sòisealta leis na tagaichean #Ceumnaiche2020 #SMO2020 agus @sabhalmorostaig. Mas urrainn dhut an dealbh ceumnachaidh agad fhèin a chur gu margaideachd@smo.uhi.ac.uk, bidh sinn a’ cur dealbh mòr ri chèile den a h-uile ceumnaiche bhon t-Sabhal Mòr am-bliadhna.