Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Calum MacConaill

Ainm: Calum MacConaill

 

Cò às a tha sibh?
’S ann à Drochaid Sguideil a tha mi, baile beag faisg air Inbhir Pheofharain.

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
B’ e ionnsachadh Gàidhlig gu ìre fileanta a’ chiad adhbhar a thug orm a thighinn gu Sabhal Mòr Ostaig. Rinn mi Gàidhlig san àrd-sgoil, ach cha robh mi fileanta idir, is mar sin, chaidh mi ann airson mo chuid Gàidhlig a leasachadh.

 

Cò ris an robh e coltach a bhith an seo is a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
Bha e gu math spòrsail, agus tha coimhearsnachd làidir ann aig a’ Cholaiste. Tha tòrr àiteachan brèagha anns an eilean cuideachd. Ged a tha e gu math eadar-dhealaichte bho cholaistean agus oilthighean eile, chòrd e rium gu mòr a bhith ag ionnsachadh an seo.

 

Dè an cùrsa air an robh sibh?
Bha mi air a’ chùrsa BA Gàidhlig is na Meadhanan.

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Tha ùidh mhòr agam anns na meadhanan. Tha na goireasan aig an t-Sabhal uabhasach math, agus air cùrsa na meadhanan, bha an luchd-teagaisg glè fhiosrachail is taiceil. ’S e cùrsa uabhasach math a th’ ann, le tòrr mhodalan inntinneach.

 

Dè an rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
A’ coinneachadh ri daoine ùra, b’ e sin an rud a b’ fheàrr mu dheidhinn an t-Sabhail. Rinn mi tòrr charaidean ùra fhad ’s a bha mi ann, is tha tòrr spòrs ann aig a’ cholaiste. An rud a b’ fheàrr mu dheidhinn a’ chùrsa, bha e glè inntinneach agus tòrr mhodalan eadar-dhealaichte ann.

 

Dè na cur-seachadan a bh’ agaibh fhad ’s a bha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Bha na cèilidhean uabhasach spòrsail, agus bha tòrr sheiseanan-ciùil ann cuideachd. Chluich mi ball-coise còmhla ri caraidean gu math tric. Tha tòrr rudan ri dhèanamh anns an eilean is anns a’ choimhearsnachd cuideachd, mar sreap is a’ dol gu cuirmean-ciùil.

 

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
Dh’fhàg mi o chionn ghreiseag, is tha mi a-nis a’ sireadh obair ann an saoghal nam meadhanan. Tha mi a’ dèanamh beagan obrach airson fèis no dhà anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, is dh’obraich mi air a’ phrògram chloinne Gleusta cuideachd.