Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Catrìona Chamshron

Ainm:

Catrìona Chamshron

Cò às a tha sibh?

‘S ann an Gleann Da-Ruail, Earra Ghàidheal a tha mi.

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?

Tha mi an-còmhnaidh ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh agus thàinig mi an seo a bhith fileanta – rinn mi cùrsa ionnsaidh aig Colaiste Stow ann an Glaschu le Isobel Moireach an-uiridh..

Cò ris a tha e coltach a bhith seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?

Chòrd e rium gu mòr a choinn ‘s gu bheil a’ cholaiste a’ suidheachadh ann an àite  cho breagha. Tha daoine aig a cholaiste càirdeil, an dà chuid luchd-obrach agus na h-oileanach. Tha tòrr rudan a’ dèanamh aig a’ cholaiste agus mu thimcheall na sgìre.

Cùrsa air a bheil sibh?

Tha mi air Cùrsa Comais an-dràsta agus tha dùil agam darna bliadhna a dhèanamh

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?

Chuir Murchadh mi ann agus tha mi sona a bhith ag ionnsachadh gràmar, èisteachd agus bruidhinn ri daoine eile.

An rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?

‘S e an dòigh a tha na tidsearan a’ teagaisg. Tha e àbhachd agus neo-fhoirmeil  an rud a b’ fheàrr leam.

Dè na cur-seachadan a th’ agaibh fhad ’s a tha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?

Tha mi a’ dèanamh carataidh agus còcaireach. Mar as trice, nì sinn biadh deifrichte le Janni gach mìos. Uaireigin, gheibh mi cofaidh le mo chàraidean aig Cafaidh Ostaig no àitichean eile.

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?

Tha mi air Grèis Gnìomhachas an-dràsta. Dh’obair mi ann am Margaideachd agus tha e a’ chòrdadh rium gu mòr.