Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Daniel MacDhòmhnaill

Ainm: Daniel MacDhòmhnaill

 

Cò às a tha sibh?
Rugadh is thogadh mi ann an Kingston, Ontario, Canada, ach ‘s ann à Cheap Breatainn, Albainn Nuadh a tha mi a-nis agus cha chreid mi nach bi mi ann greis mhòr. 

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Thàinig mi dhan t-Sabhal Mhór air iomlaid bho Oilthigh Cheap Breatainn. ‘S e Ceiltis an ceum a tha mi a’ dèanamh agus mar sin, rachadh agam air bliadhna a chur seachad thall thairis. Thòisich mi ag ionnsachadh na Gàidhlig gus am b’ urrainn dhomh fuireach am measg nan Gàidheal ann an Ceap Breatainn, mar sin ghabhainn gach cothrom airson tuilleadh Gàidhlig a thogail. Thàinig mi ann airson an dearbh adhbhair sin – comas fhaighinn ann an Gàidhlig labhairt.

 

Cò ris an robh e coltach a bhith seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
Bha e math fhèin a’ fuireach is ag ionnsachadh san Eilean Sgitheanach. Fiù ‘s ged an robh e a’ faireachdainn beagan iomallach an-dràsta ‘s a-rithist, bha gu leòr a’ tachairt aig a’ cholaiste no am measg nan oileanach nach tàinig sgìos orm gu tric. Feumaidh mi ag aideachadh nach robh mi cho cleachdte ris an uisge agus uaireannan, gu h-àraidh anns a’ gheamhradh, bha mi a’ smaointinn gum b’ urrainn do bheagan nas lugha dheth a bhith ann ach san fharsaingeachd chòrd e rium glè mhath a bhith a’ fuireach ann an Slèite. Bithidh mi ga ionndrainn.

 

Dè an cùrsa air an robh sibh?
An Cùrsa Comais.

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
B’ e sin an cùrsa a b’ fhèarr airson Gàidhlig a thogail nuair nach robh agam ach bliadhna a h-ionnsachadh.

 

An rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
An rud a b’ fheàrr mun chùrsa, b’ e sin greis gnìomhachais. Leis a’ sin, bha cothrom agam Gàidhlig a bhruidhinn gach oidhche ‘s gach latha ann an àite eile airson trì seachdainean. ‘S buidhe dhomh gun robh mi a’ fuireach còmhla ri seann daoine aig an robh Gàidhlig mar chiad chànan ‘s iad a bha toillichte bruidhinn rium sa Ghàidhlig uair sam bith. Rinn mi adhartas mòr air tàilleabh sin. Cuideachd, bu mhath leam an clas ris an canadh iad Cànan ‘s a Choimhearsnachd. Thug sin cothrom dhomh a’ fàs eòlach air muinntir agus dualchas na sgìre. Chòrd sin rium gu mòr.

 

Dè na cur-seachadan a bh’ agaibh fhad ’s a bha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Bu mhath leam na dannsaichean agus na cuirmean-chiùil aig a’ Cholaiste. A bharrachd air sin, chaidh mi air gu leòr sgrìoban còmhla ris a’ bhuidheann streap agus càirdean eile. Ciamar nach b’ urrainn dhomh a bhith a-muigh ann an àite cho eireachdail ri Slèite?   

 

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
Bha mi ag obair aig a’ Chlachan Ghàidhealach ann an Sanndraigh, Ceap Breatainn airson an t-Samhraidh is tha mi a’ feuchainn ri obair co-cheangailte leis a’ Ghaidhlig a lorg a-nis.