Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Heather Clyne

Ainm: Heather Clyne

 

Cò às a tha sibh?
Thogadh mi ann an Gleann Fhiannain, ach bha mi air a bhith a’ siubhal air feadh an t-saoghail mus tàinig mi air ais dhan àite as fheàrr leam!

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig air sgàth ’s gun robh mi a’ faicinn deagh chothrom a bhith leasachadh mo chuid Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a th’ againn an seo.  Bha mi a’ sireadh dòigh èifeachdach air an cànan a thogail oir bha mo chuid chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus bha mi ag iarraidh gum biodh cothrom aca air a cleachdadh aig an taigh. Tha cothrom ann a bhith ga cleachdadh anns an h-uile suidheachadh ann an seo, agus bha sin air leth feumail dhomh ann a bhith a’ togail a’ chànain.
Cò ris a tha e coltach a bhith an seo is a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
’S toigh leinn a bhith ann an seo. Tha an t-eilean fhèin cho brèagha agus ’s e àite sgoinneil a th’ ann ‘son clann a thogail. Tha tòrr a’ dol air adhart aig a’ Cholaiste ‘son ar cumail trang, agus nuair a tha sinn ag iarraidh a dhol dhan bhaile mhòr aig an deireadh-seachdain, chan eil fada againn ri siubhal tarsainn na drochaid agus a dhol do dh’Inbhir Nis.               

 

Cùrsa air a bheil sibh?
Tha mi an-dràsta gu bhith a’ cur crìoch air ceum le urram ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig.    

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Uill, bha mi an dùil ri bliadhna a-mhàin a dhèanamh aig an toiseach, dìreach gus am biodh Gàidhlig gu leòr agam airson comas labhairt is conaltraidh a bhith agam ach bha an cùrsa cho inntinneach gun do rinn mi an dara bliadhna cuideachd, agus an uair sin an treas, agus uill, chùm mi a’ dol gus an deireadh. Dh’ionnsaich mi tòrr rudan luachmhor mun chultar againn fhèin – agus rinn mi na bha mi ag amas air aig an toiseach cuideachd, tha e comasach dhomh a bhith bruidhinn gun sgur ann an dà chànan :D

 

An rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
Chanainn gur e an cothrom a fhuair mi airson an cànan a thogail is a bhruidhinn a h-uile latha aon rud a bha math, ach dh’ionnsaich mi mòran anns a’ chùrsa mu Alba agus a h-eachdraidh, a cultar is a ceòl.  Bhiodh e doirbh aon rud gu sònraichte a thaghadh!

 

Dè na cur-seachadan a th’ agaibh fhad ’s a tha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Chuir mi seachad tòrr ùine a’ siubhal mun cuairt an eilein, tha e mòr agus iomadh rud àraidh rin lorg ann. Tha cuirmean ciùil a’ dol gu tric aig Sabhal Mòr fhèin, agus diofar sheòrsachan ciùil annta, agus bhitheamaid a’ dol dhan amar snàmh an Caol Loch Aillse cha mhòr gach seachdain.       

 

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
Tha mi a’ dèanamh rannsachaidh air seann leabhar bàrdachd às an sgìre agam fhèin an-dràsta agus ‘s e sin am pìos obrach mu dheireadh anns a’ cheum agam. Tha e a’ còrdadh rium glan.