Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Inge Birnie

Ainm: Inge Birnie


Cò às a tha sibh?
‘S ann às an Òlaind a tha mi o thùs ach tha mi air a bhith a’ fuireach ann an Alba o chionn 1998.

 

Cuin a thòisich sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Thòisich mi leis a’ Chùrsa Inntrigidh ann an 2005 agus tha mi air a bhith a’ tighinn airson iomadh sgoil shamhraidh agus deireadh na seachdaine.  Thàinig mi ann airson Fèill na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig cuideachd – abair spòrs a bh’ againn an sin.

 

 

Dè an cùrsa air a bheil sibh?
Rinn mi an Cùrsa Inntrigidh, an Cùrsa Adhartais, agus a-nis tha mi a’ dèanamh ceum air astar ann an Gàidhlig agus leasachadh.  Tha mi an dòchas a’ cumail orm an ath theirm le modailean na ceathramh bliadhna.

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
’S e àrainneachd Ghàidhlig a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig, agus air sgàth ’s gu bheil na clasaichean uile gan lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig tha sinn air deagh chothrom dha-rìribh fhaighinn gus sgilean cànain a leasachadh agus a neartachadh, an dà chuid ann an suideachadh foirmeil, ach cuideachd ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. A bharrachd air sin tha a h-uile duine air a bhith cho brosnachail a thaobh taic a thoirt dha na h-oileanach leis a’ Ghàidhlig mar chànan làitheil.

 

 

Cò ris a tha e coltach a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig agus anns an eilean?
Tha  mi a’ dèanamh chlasaichean air astar, ach tha mi air a bhith ann airson sgoiltean deireadh seachdaine no eadhon aig àm nan deuchainnean. Tha e an còmhnaidh a’ cur iongantas orm dè cho taiceil, brosnachail agus laghach ’s a tha an luchd-obrach agus na h-oileanaich eile. Tha mi dha-rìribh a’ faireachdainn mar phàirt den choimhearsnachd Ghàidhlig aig a’ Cholaiste.  Tha tòrr charaidean agam a tha a’ fuireach anns an eilean (agus air feadh na h-Alba), agus ’s ann le bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig a thachair mi riutha!

 

Nur beachd-ne, dè an rud a b’ fheàrr mu SMO?
’S e àrainneachd làn Gàidhlig a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig far a bheil taic air a toirt dhut gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh a h-uile latha. Bidh deagh mheasgachadh de dhaoine ann aig a’ Cholaiste: oileanaich òga, oileanaich le clann, oidean, is bidh iad uile a’ measgachadh ri chèile aig tachartasan sòisealta mar chèilidhean is cuideachd aig amannan sòisealta mar lòn no dìnnear.

 

A bheil 3 faclan sònraichte a tha a’ cur Sabhal Mòr Ostaig nur n-inntinn?
Càirdeas, spòrs, sàr theagasg


Dè tha san amharc agaibh?
Is fìor thoil leam a bhith an sàs le teagasg Gàidhlig, gu sònraichte aig ìre àrd-sgoile. ’S e tidsear fiosag is saidheans a th’ annam agus mar sin bhiodh e math na sgilean agam a chleachdadh agus saidheans a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Tha ùidh mhòr agam ann an leasachadh coimhearsnachdan Gàidhlig gus an cànan ath-bheòthachadh agus mar sin ma bhios cothrom agam bu toil leam a bhith an sàs ann an rannsachadh coimhearsnachd – thig an latha!