Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceitidh Montooth

Ainm: Ceitidh Montooth
 

Cò às a tha sibh?

'S ann à Florida sna Stàitean Aonaichte a tha mi, ach tha mi a' fuireach ann an Indiana a-nis leis an duine agam.     
 

Dè an cùrsa air a bheil sibh?

Tha mi a' dèanamh An Cùrsa Comais an-dràsta.
 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?

Cha robh dad sam bith coltach ri Sabhal Mòr Ostaig anns Na Stàitean.  Tha cothrom agam a bhith a' bruidhinn ri oileanaich agus luchd-ionnsachaidh eile a h-uile latha agus fiosrachadh fhaighinn mu chultar na Gàidhealtachd 's nan eilean.  Cha urrainn dhut sin a dhèanamh anns Na Stàitean!

                  
Cò ris a tha e coltach a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig agus anns an Eilean?

Tha an t-Eilean Sgitheanach cho brèagha! Tha an sealladh an seo glè dhiofraichte bho rud sam bith anns Na Stàitean cuideachd. Tha a h-uile duine cho càirdeil agus brosnachail.  Tha a’ cholaiste làn thachartasan airson ùidhean diofraichte.  Ged a tha a' cholaiste ann an àite iomallach, chan eil e a-riamh dòrainneach.   


Carson a thagh sibh an cùrsa seo?

Rinn mi An Cùrsa Inntrigidh an-uiridh agus bha mi airson cumail orm a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig.  Bha mi a-riamh airson ionnsachadh thall thairis agus shaoil mi gur e An Cùrsa Comais an dòigh as fhèarr an dà rud a dhèanamh.
                                   

Nur beachd-ne, dè an rud a b’ fheàrr mu SMO?

Tha a h-uile duine air a bhith fàilteachail agus càirdeil.  Ach cuideachd, mar oileanach à dùthaich far nach eil mòran Gàidhlig air a bhruidhinn, tha goireasan glè mhath an seo cuideachd.  Tha e doirbh goireasan ann an Gàidhlig a lorg anns Na Stàitean. 

  
A bheil trì faclan sònraichte a tha Sabhal Mòr Ostaig a ’cur nur n-inntinn?

Beòthail

Breagha

Sonraichte
 

Dè bu toigh leibh a dhèanamh as dèidh SMO?

Uill, 's e nurs a th' annam agus as dèidh an cùrsa, bidh mi a' dol air ais gu m’ obair ach bu toil leam a bhith an sàs leis a’ Chomunn Ghàidhealaich anns Na Stàitean agus mo chuid sgilean Ghàidhlig a thoirt air adhart.