Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Kyle Carey

Ainm: Kyle Carey

 

Cò às a tha sibh?
‘S ann à New Hampshire a tha mi, ann an Ameireaga

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Chuir mi seachad bliadhna ann an Ceap Breatainn, aig Cape Breton University. Sin far an do dh’ionnsaich mi mu Shabhal Mòr Ostaig. Bha ùidh agam an còmhnaidh ann an Gàidhlig agus ceòl Ceilteach agus ‘s e sin is coireach gun tàinig mi dhan t-Sabhal.

 

Cò ris an robh e coltach a bhith a’ fuireach aig a’ Cholaiste agus anns an Eilean Sgitheanach?
Chòrd e rium gu mòr! Bha e sgoinneil a bhith ag ionnsachadh fad an t-siubhail. Bha mi toilichte gun robh cothroman agam an cànan a bhruidhinn air taobh a-muigh nan clasaichean agus bha deagh charaidean agam an sin cuideachd. Tha an t-eilean gu math brèagha, tha sin follaiseach gu leòr!

 

Dè an cùrsa air an robh sibh?
Rinn mi an Cùrsa Comais

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Cha robh mòran Gàidhlig agam idir nuair a thoisich mi aig an t-Sabhal agus bha an Cùrsa Comais na bu fhreagarraiche dhomh oir ‘s ann airson luchd-ionnsachaidh a tha e a tha airson ionnsachadh gu ìre fileanta sa chànan.

 

An rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
Tha a’ choimhearsnachd gu math taiceil agus tha rudan ri dhèanamh fad an t-siubhail.


Dè na cur-seachadan a bh’ agaibh fhad ’s a bha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Nuair nach robh mi ag ionnsachadh na Gàidhlig, bha mi a’ cluich ciùil, a’ seinn agus ag ionnsachadh nan òran Gàidhlig. Aig an deireadh-seachdain, b’ àbhaist dhomh a bhith a’ coiseachd agus a’ sreap nam beann no a’ dol a-mach còmhla ri caraidean.


Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
’S e neach-ciùil is seinneadair proifeiseanta a th’ annam.  www.kyleannecarey.com.