Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Lauren Byrne

Ainm: Lauren Byrne

Cò às a tha sibh?
Tha mi a’ fuireach air taobh Loch Iall, faisg air a’ Ghearasdan.
 

Dè an cùrsa air a bheil sibh?
Thoisich mi air a’ Chùrsa Ciùil (BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta) dìreach an-uiridh, agus airson bliadhna a h-aon tha mi air a bhith a’ dèanamh Cùrsa Comais air sgàth ‘s  tha mi fhathast ag ionnsachadh a’ chànan!

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Cha do rinn mi ach pìos beag bìdeach Gàidhlig san sgoil, ach nuair a bha mi 16 gabh mi pàirt anns an Fèis Lochabair Ceilidh Trail a’ dèanamh ceòl traidiseanta agus òrain Ghàidhlig, ‘s tro sin lorg mi togair airson cànan ionnsachadh. Thoiseach mi a ‘dol gu clasaichean Ùlpan airson greis, ach bha fios agam gur e Sabhal Mòr Ostaig an t-àite as fheàrr airson Gàidhlig ionnsachadh, gu sònraichte còmhla ri ceòl traidiseanta.

 

Cò ris a tha e coltach a bhith aig Sabhal Mòr Ostaig agus anns an eilean?
‘S e àite gu math snog a th’anns an t-Eilean Sgiathanaich, le tòrr slighean math agus seallaidhean bòidheach - nuair a tha an t-sìde math! ‘S toil leam a bhith ann an àite is coimhearsnachd diofraichte, ach ‘s toil leam gu bheil e faisg gu leòr airson a ’dhol dhachaidh uaireannan aig an deireadh-sheachdain cuideachd.

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Cha robh mi buileach cinnteach dè bha mi airson a dhèanamh às dèidh sgoil, so chaidh mi gu Colaiste na Gàidhealtachd an Iar anns a’ Ghearasdan airson bliadhna, is rinn mi an cùrsa NC Music. Anns a bhliadhna sin, rinn mi an àrd m’ inntinn a’ dhol gu Sabhal Mòr. Bha e eadar an Cùrsa Ciùil agus an Royal Conservatoire of Scotland, ach smaoinich mi gum bhiodh Gàidhlig na bhuannachd mhòr dhomhsa anns mo bheatha agus mar sin thagh mi SMO.

 

Nur beachd-ne, dè an rud a b’ fheàrr mu SMO?
Tha a’ choimhearsnachd aig Sabhal Mòr Ostaig gu math sòisealta - tha daoine an còmhnaidh deònach airson cèilidh! Ach tha sinn ag ionnsachadh fad na h-ùine, ann an clas agus taobh a-muigh clasaichean cuideachd gach latha is aig tachartasan sòisealta, agus se sin an rud as fheàrr nam bheachd.

 

A bheil trì faclan sònraichte a tha Sabhal Mòr Ostaig a ’cur nur n-inntinn?
Coimhearsnachd, cothrom, spòrs

 

Dè bu toigh leibh a dhèanamh as dèidh SMO?
Bu toil leam a bhith nam neach-ciùil proifeiseanta, ach tha mi fosgailte gu obair eile, mar a’ teagaisg mar eisimpleir. Rudeigin far a bheil cothrom ann airson Gàidhlig a cleachdadh co-dhiù.