Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Liondsaidh Mitchell

Ainm: Liondsaidh Mitchell

 

Cò às a tha sibh?
Rugadh mi ann an Fìobha, ach chaidh mo thogail ann an Leòdhas. Chanainn gur ann à Leòdhas tha mi!

 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Bha mi airson Gàidhlig ionnsachadh agus nam bheachd-sa, chan eil àite nas fheàrr ann airson sin a dhèanamh. Cuideachd aig an àm sin, bha cùrsa ùr air tòiseachadh ann an ceòl Gàidhlig, agus bha mi airson a bhith an sàs leis a sin.  Bha mi eòlach air a’ ghuth aig Christine Primrose, an tidsear seinn air a’ chùrsa, agus bha mi airson a bhith ag obair còmhla rithe agus ag ionnsachadh bhuaipe.

 

Cò ris an robh e coltach a bhith an seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
Chòrd e rium a bhith ann agus a’ fuireach aig a’ Cholaiste.  Bha tòrr spòrs againn ’s bha e fìor mhath airson mo chuid Gàidhlig a leasachadh ’s a thoirt am feabhas, gu h-àraidh anns a’ chiad bhliadhna agam. B’ àbhaist dhuinn a bhith a’ seinn òran, a’ cluich phort còmhla agus a’ dol a-mach còmhla ri chèile. Tha coimhearsnachd shnog, chàirdeil aig a’ Cholaiste.


Dè an cùrsa air an robh sibh?
BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Tha ceòl traidiseanta a’ còrdadh rium gu mòr. Nuair a thoisich mi aig an t-Sabhal Mhòr, b’ e cùrsa ùr a bh’ ann, is mi a’ chiad oileanach a-riamh air a’ chùrsa.  Thagh mi an cùrsa oir bha mi airson mo sgilean seinn a leasachadh agus bha mi cuideachd airson barrachd mun a’ chultar is an dualchas againn ionnsachadh.


 

An rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
Choinnich mi ri tòrr dhaoine tàlantach is snog, agus na caraidean mìorbhailteach agam cuideachd, agus fhuair mi an cothrom a bhith an sàs le fèisean ’s tachartasan eadar-dhealaichte thairis air na bliadhnaichean a bha mi ann. Ach ’s e an rud a b’ fheàrr gun robh mi cho fortanach a bhith ag obair agus ag ionnsachadh bho luchd-ciùil mar Christine Primrose. Dh’ionnsaich mi tòrr is tha mi fada na comain.

 

Dè na cur-seachadan a bh’ agaibh fhad ’s a bha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
B’ àbhaist dhuinn a bhith a’ seinn còmhla cha mhòr a h-uile oidhche, agus chòrd na seiseanan-ciùil a bh’ againn gach seachdain rium gu mòr.

 

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
Tha mi nam thidsear Gàidhlig ann an Àrd-sgoil Greenfaulds ann an Comar nan Allt, agus tha e a’ còrdadh rium gu mòr.