Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Lisa Moyes

Ainm: Lisa Moyes

 

Cò às a tha sibh?
Tha mi à Baile Màiri, baile beag faisg air Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois.


 

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig air cùrsa goirid an toiseach, airson dà sheachdain tron t-Samhradh, às dèidh crìoch a chur air àrd-sgoil. Chòrd e rium glan a bhith ag ionnsachadh a’ chànain, agus air sgàth ’s gur e seo an aon cholaiste far am bi na clasaichean uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, chan eil mi a’ smaointinn gu bheil àite nas fheàrr ann airson an cànan a thogail.  Bha ùidh agam ann an ionnsachadh a’ chànain oir ’s e fìdhlear a th’ annam, agus tha Gàidhlig na pàirt chudthromach de cheòl traidiseanta na h-Alba, agus pàirt mhòr den chultar againn cuideachd.

 

Cò ris a bha e coltach a bhith an seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
Chòrd e rium glan a bhith a’ fuireach aig a’ Cholaiste agus anns an eilean. Bha mi a’ fuireach san àite-fuirich aig a’ Cholaiste fhèin, is bha sin gu math spòrsail.  Rinn mi tòrr charaidean fhad ’s a bha mi ann, agus bidh sinn fhathast a’ faicinn a chèile. Tha daoine mu thimcheall na Colaiste fad an t-siubhail, agus air sgàth ’s nach eil Sabhal Mòr cho mòr ri oilthighean eile, tha thu a’ faighinn eòlas air a h-uile duine. Tha e mar theaghlach mòr aig an t-Sabhal! Tha a h-uile duine gu math càirdeil is brosnachail.

 

Dè an cùrsa air an robh sibh?
BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta

 

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Bha mi airson ceòl traidiseanta a dhèanamh às dèidh na sgoile, agus nuair a chunnaic mi gun robh an cothrom ann cùrsa a dhèanamh ann an Gàidhlig agus ceòl traidiseanta aig an t-Sabhal, cha robh mi airson a dhol gu oilthigh sam bith eile. Tha mi cho toilichte gun do rinn mi cùrsa sa Ghàidhlig. Tha mi air tòrr chothroman fhaighinn às, agus tha mi air coinneachadh le tòrr dhaoine tro bhith ag ionnsachadh a’ chànain, an dà chuid aig agus taobh a-muigh na Colaiste. Bha mise a’ faireachdainn gun robh mi ann an suidheachadh slàn airson ionnsachadh, oir tha tòrr a’ tachairt a thaobh Gàidhlig agus ceòl traidiseanta anns an eilean. Bidh thu a’ faighinn blasad Gàidhlig agus ciùil taobh a-muigh nan clasaichean agus anns a’ choimhearsnachd cuideachd. 

 

An rud a b’fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
Dh’ionnsaich mi tòrr diofar chuspairean, bho theagasg gu clàradh is foillseachadh ciùil agus feallsanachd. Bha measgachadh math ann de chlasaichean agus bha na clasaichean beag. Bha sin glè mhath oir fhuair mi eòlas air na tidsearan, is bha iad uile gu math deònach taic a thoirt do gach oileanach.


Dè na cur-seachadan a bh’ agaibh fhad ’s a bha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Ged a tha Sabhal Mòr ann an àite caran iomallach, tha tòrr rudan a’ tachairt fad na h-ùine, mar chuirmean-ciùil, is clubaichean spòrs.  Bhithinn fhìn is mo charaidean a’ dol gu seiseanan-ciùil gu tric, sa cholaiste no san taigh-seinnse, agus tha cèilidhean aig a’ Cholaiste fad na bliadhna. Tha iad uile gu math spòrsail!  Bha mi a’ cluich badminton a h-uile seachdain aig a’ Cholaiste, agus a’ dol dhan ionad-spòrs anns a’ Chaol cuideachd. Tha bus na Colaiste a’ dol ann le oileanaich cha mhòr a h-uile seachdain.

 

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
Nuair a chuir mi crìoch air a’ chùrsa, bha mi a’ fuireach air ais ann am Baile Màiri agus a’ teagasg agus a’ cluich na fìdhle làn-ùine. An uair sin, fhuair mi obair aig an t-Sabhal mar oifigear trusaidh. Tha mi air a bhith ag obair an seo airson sia mìosan a-nis agus tha e a’ còrdadh rium glan – tha mi gu math toilichte a bhith ag obair ann an àite far am b’ urrainn dhomh Gàidhlig a chleachdadh a h-uile latha, agus tha e math a bhith air ais!