Sarah-Jane NicFhearghais
Ainm: Sarah-Jane NicFhearghais
Cò às a tha sibh?
Tha mi à Meadarloch, faisg air an t-Òban.
Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Rinn mi Gàidhlig luchd-ionnsachaidh anns an Àrd-Sgoil ach tha mi ag iarraidh a bhith fileanta anns a’ Ghàidhlig.
Cò ris a tha e coltach a bhith seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
Tha e uabhasach spòrsail agus tha an còmhnaidh rudeigin ri dhèanamh. Tha a’ cholaiste glè shòisealta. Tha tòrr seallaidhean brèagha anns an Eilean Sgitheanach.
Cùrsa air a bheil sibh?
Tha mi air an Cùrsa Comais an dràsta agus tha mi an dòchas gum bi mi air ais airson cùrsa a dhèanamh ach chan eil mi buileach cinnteach dè an cùrsa.
Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
Tha uidh agam ann an Gàidhlig agus ann an Gàidhlig a bhruidhinn.
An rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
‘S e caraidean ùra fhaighinn an rud a b’ fheàrr mu dheidhinn an t-Sabhail. Tha an luchd-teagaisg cho snog agus cuideachail nuair a tha iad a’ teagaisg.
Dè na cur-seachadan a th’ agaibh fhad ’s a tha sibh an seo?
Tha mi a’ cluich iomain còmhla ri caraidean gach seachdain agus bidh mi a’ cluich mi ball-coise gu tric. Tha na cèilidhean glè spòrsail.
Dè bu toigh leibh a dhèanamh as dèidh SMO?
Bu toil leam obair Gàidhlig fhaighinn ach chan eil fhios agam dè an obair.