Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Stephen MacLeòid

Ainm: Stephen MacLeòid

Cò às a tha sibh?
’S ann à Leòdhas a tha mi.

Carson a thàinig sibh gu Sabhal Mòr Ostaig?
Thàinig mi gu Sabhal Mòr airson mo chuid Ghàidhlig a bhrosnachadh, agus gus eòlas fhaighinn air a’ chànan a-rithist an dèidh bhliadhnaichean gun a bhith ga bruidhinn a h-uile latha.

Cò ris an robh e coltach a bhith seo agus a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach?
’S e àite gu math eadar-dhealaichte a th’ anns an t-Sabhal Mhòr. Tha e a’ toirt cothrom do dhaoine saoghal Ghàidhlig chruthachadh air an àrainneachd, agus gam bogadh fhèin sa Ghàidhlig.

Dè an cùrsa air an robh sibh?
Bha mi air a’ chùrsa TBh, an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig.

Carson a thagh sibh an cùrsa seo?
’S e cùrsa air leth a th’ anns an Cùrsa TBh, agus tha e ainmeil airson nan cothroman a tha e a’ leasachadh airson a h-oileanach a tha an sàs ann. Le iomadh eòlaiche bhon gnìomhachas gar teagasg, tha sinn a’ faighinn blasad sònraichte de na diofar eileamaidean air a’ chùrsa.


Dè an rud a b’ fheàrr mun a’ chùrsa no mu dheidhinn an t-Sabhail?
Tha an cùrsa TBh a’ toirt do na h-oileanaich an cothrom rudeigin pragtaigeach a’ dhèanamh ann an saoghal na Gàidhlig, agus na sgilean sònraichte sin a leasachadh.

Dè na cur-seachadan a bh’ agaibh fhad ’s a bha sibh aig Sabhal Mòr Ostaig?
Chord e rium a bhith a’ fiolmadh agus gearradh fhiolmaichean ghoirid, a’ cluich ceòl agus a’ dol dhan taigh-seinnse còmhla ri mo chàirdean fhad ’s a bha mi aig an t-Sabhal.

Dè tha sibh a’ dèanamh a-nis?
Tha mi ag obair aig Bees Nees ann an Glaschu mar edit assistant.