Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Feasgar Fosgailte air loidhne

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte mhòr ort gu Feasgar Fosgailte air loidhne.  Leis gu bheil sinn uile aig an taigh an-dràsta is nach urrainn dhuinn tachartas a chur air dòigh aig a’ Cholaiste mar a bha sinn an dùil, tha sinn a’ dol a chumail Feasgar Fosgailte air loidhne do Thagraichean, Dihaoine 8 Cèitean agus bu mhath leinn nam b'urrainn dhuibh a bhith an làthair.  Bidh seo a’ gabhail àite air Zoom eadar 2.30f is 4f.

Gheibh sibh cothrom coinneachadh ris an sgioba acadaimigeach agus gheibh sibh fiosrachadh mu Chùrsaichean a’ Chiad Bhliadhna bho na Stiùirichean fhèin, le cothrom ceistean is freagairtean.  Bidh seisean ann mu Bheatha nan Oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, le Comann nan Oileanach agus riochdairean eile, agus gheibh sibh cuideachd fios mu àiteachan fuirich.

Airson àite fhaighinn, cuiribh brath gu taic@smo.uhi.ac.uk (ro 10m Dihaoine 8 Cèitean).

 

 

Clàr-ama an Fheasgar

14:30 Fàilte bhon Phrionnsapal & Stiùiriche an Fhoghlaim

14:40 Coinnich ri Stiùirichean nan Cùrsaichean

14:55 Fiosrachadh Cùrsaichean a' Chiad Bhliadhna / Ceistean & Fregairtean

15:20 Fios mu Beatha nan Oileanach aig SMO le Comunn nan Oileanach

15:40 Fiosrachadh mu Àite-fuirich aig SMO

15:50 Ceistean & Soraidh slàn

 

Fàilte bhon Phrionnsabal

 

A' chiad bhliadhna, An Cùrsa Comais agus Gàidhlig is Conaltradh

Tha na cùrsaichean sa chiad bliadhna, An Cùrsa Comais agus Gàidhlig is Conaltradh, a' toirt làn chothrom do dh'oileanaich a bhith a' fàs fileanta sa Ghàidhlig agus tha dùil, le brosnachadh, gum bi oileanaich a' bruidhinn agus a' cleachdadh na Gàidhlig bho latha gu latha. Chan ann dìreach gum bi cothrom air leth agad air piseach a thoirt air do chuid Gàidhlig air na cùrsaichean, togaidh tu sgilean prataigeach is sòisealta a bhios nam buannachd dhut gu bràth.  Faodaidh tu modalan a thogail sna bliadhnaichean às dèidh sin is a dhol air adhart gu ceumannan ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig agus Leasachadh, Gàidhlig agus Foghlam agus Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.

Airson fiosrachadh slàn mu na cùrsaichean seo, rachaibh chun na duilleagan lìn aig An Cùrsa Comais & Gàidhlig is Conaltradh.

 

Beatha nan Oileanaich

Mas e cofhurtachd àrainn na Colaiste, craic nan cèilidhean no farsaingeachd a’ bhlàir a-muigh a tha fa-near dhut, gheibh thu sin aig SMO. Tha àrainneachd na Colaiste beag agus càirdeil, is cuiridh tu eòlas air a h-uile duine sa bhad. Tha an-còmhnaidh rudeigin a’ dol air adhart agus tha coimhearsnachd bheothail na Colaiste a’ tabhann mòran chothroman airson gàire, brosnachadh agus càirdeas. Tha beatha san Eilean Sgitheanach eadar-dhealaichte bho bheatha anns a’ bhaile mhòr. Tha e a’ tabhann cothrom sònraichte ann an àite eireachdail le àrainneachd ghlan, bhrèagha – àite-fuirich gun samhail gun teagamh.

Tha ainm is cliù aig an Eilean Sgitheanach airson biadh math, fiadh-bheatha mhìorbhaileach agus chur-seachadan a-muigh, agus an Cuiltheann cha mhòr air ar starsaich fhèin. Ma tha thu ag iarraidh a dhol a-mach air an oidhche gu taigh-seinnse, cuirm, biadh no airson cuairt shìtheil, tha gu leòr ann dhut fhèin is dha do charaidean faisg air làimh. Tha ceòl air leth cudromach aig SMO agus, a bharrachd air na cèilidhean gu madainn a thèid cumail san Talla Mhòr, bidh seiseanan-ciùil a’ dol anns na taighean-òsta is taighean-seinnse faisg air a’ Cholaiste, is tha thu làn dì-beathte pàirt a ghabhail annta.
 

 

Àite-fuirich

Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhann àiteachan-fuirich cofhurtail, ùra do dh'oileanaich, suidhichte ann an sgìre eireachdail le seallaidhean thar Linne Shlèite. Tha 84 seòmar ann le taigh-beag anns a h-uile seòmar agus tha 3 seòmraichean ann a fhreagras air cathraichean-cuibhle. Tha cuideachd wi-fi an asgaidh anns gach rùm. Gheibh thu aodach-leapa agus searbhadairean leis an t-seòmar agus thèid na seòmraichean a ghlanadh a h-uile seachdain ma thèid iarraidh. Anns gach togalach fuirich, tha cidsin agus seòmar coitcheann, agus tha innealan nigheadaireachd ann cuideachd.

Gheibh thu do bhiadh an lùib cosgaisean fuirich agus tha a' Cholaiste ro dheònach coimhead ri feumalachdan bidhe sònraichte. Tha seòmar-bidhe na Colaiste na àite far am bi gach neach ag ithe còmhla, a' toirt cothrom dhut eòlas a chur air a h-uile duine.

Tha goireasan fèin còcaireachd againn cuideachd aig a' Cholaiste a-nis ach leis nach eil ach àireamh sònraichte ann, tha ar a tabhainn seo gu na h-oileanaich air an dàrna, treas & ceathramh bliadhna.  Ma tha seòmraichean air fhàgail as dèidh seo, mu dh'fhaoidte gum biodh cothrom ann na h-àiteachean air fhàgail a thabhainn do oileanaich air a chiad bhliadhna a tha airson a bhith ann an goireasan fèin còcaireachd.

Tha àite-fuirich ga ghealltainn do gach oileanach a tha air àite fhaighinn air cùrsa làn-thìde aig a' Cholaiste.

 

 

Iarrtasan

FO-CHEUM

Gheibh thu fiosrachadh air na teisteanasan a tha a dhìth airson àite fhaighinn air gach cùrsa air duilleagan nan cùrsaichean. Tha na cùrsaichean làn-thìde gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig is mar sin feumaidh beagan Gàidhlig a bhith agad mus tòisich thu air cùrsa. Tha siostam soilleir aig a’ Cholaiste far an urrainn do dh’oileanaich adhartas a dhèanamh tro na cùrsaichean, bho chùrsaichean goirid gu cùrsaichean air astar gu cùrsaichean fo-cheum is for-cheum, a tha a’ toirt cothrom farsaing do dhaoine air foghlam Gàidhlig. Ma thu a’ fàgail na sgoile no a’ cur a-steach gu còrr is aon oilthigh, feumaidh an tagradh agad a dhol tro UCAS.

’S e UCAS am prìomh sheirbheis inntrigidh do gach oilthigh is colaiste ann am Breatainn.

Còdan UCAS
Ainm Institiùid: HIP
Còd Institiùid: H49
Còd na h-Àrainn: K

Tha cinn-ùine fa-leth aig UCAS a rèir cùrsa, na bliadhna a bhios neach a’ tòiseachadh agus na dùthcha dham buin iad. Tha a’ Cholaiste a’ moladh gun cuirear tagraidhean a-steach cho luath ’s a ghabhas ach dh’fhaodadh gun gabhadh a’ Cholaiste ri tagraidhean an dèidh nan ceann-latha seo.

Dh’fhaoidte gum faigh oileanaich àite tron t-siostam chothromachaidh, a rèir am bi àite ri fhaighinn air a’ chùrsa do dhaoine eile. Mar as àbhaist bidh cothromachadh a’ ruith bho mheadhan an Iuchair.
 

DipHE GÀIDHLIG ANNS NA MEADHANAN

Airson an DipHE Gàidhlig anns na Meadhanan, bu chòir dhut bruidhinn ri Stiùiriche a’ Chùrsa aig cni.smo@uhi.ac.uk

 

FOR-CHEUM

Airson a’ chùrsa MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd cuir fios don Oifis Inntrigidh aig iarrtas@smo.uhi.ac.uk

 

OILEANAICH EADAR-NÀISEANTA

Airson foirm iarrtais, cuiribh fios don Oifis Inntrigidh aig iarrtas@smo.uhi.ac.uk