Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Greis Gnìomhachais

Fhad’ s a tha thu air a' chiad bhliadhna sa cholaiste, bidh thu a' dèanamh Greis Gnìomhachais, fad trì seachdainean, far am faigh thu cothrom a bhith ag obair ann an suidheachadh Gàidhlig.   Mar as trice, bidh oileanaich a’ dol gu bun-sgoiltean Gàidhlig, na meadhanan Gàidhlig, buidhnean leasachaidh no buidhnean foillseachaidh agus gheibh iad buannachd mhòr bho seo eadar fàs nas misneachaile a thaobh a’ chànain, blas fhaighinn de shaoghal na h-obrach agus eòlas a chur air agus comhairle fhaighinn bho dhaoine a tha ag obair sna gnìomhachasan.