Seann Oileanaich
Tha seann oileanaich an t-Sabhail sgapte air feadh an t-saoghail.
'S ann as motha a bhios obair na Colaiste a' fàs, 's ann as cudromaiche a bhios e na ceanglaichean againn ri seann oileanaich a neartachadh agus a bhrosnachadh agus bu mhath leinn cluinntinn bhuat.
Tha duilleagan aig a' Cholaiste air Facebook agus Twitter is tha sinn a' cur iad seo gu feum airson fios a chur thugad air na tha dol. Ma tha thu airson cluinntinn bhuainn agus d' ainm a chur ris an liosta de sheann oileanaich cuir fios gar n-ionnsaigh air an fhoirm air-loidhne no dèan caraid dhuinn!
Bidh a' Cholaiste a' comharrachadh dà fhichead blaidhna ann an 2013 agus bidh tòrr chothroman aig seann oileanaich fhaighinn an sàs.