Naidheachdan is Tachartasan
Bidh a' Cholaiste a' comharrachadh dà fhichead blaidhna ann an 2013 agus bidh tòrr chothroman aig seann oileanaich fhaighinn an sàs. Tha planaichean na Colaiste a' toirt a-steach cuirm-ciùil agus òraid aig Celtic Connections, Dannsa Sabhal Mòr Ostaig, leabhran comharrachaidh, agus taisbeanaidhean aig a' Cholaiste tron bhliadhna. Tha sinn cuideachd an dòchas brosnachadh agus taic a thoirt gu seann oileanaich a tha airson tachartasan a chur air dòigh iad fhèin. Ma tha dùil agad ri tachartas a chur air dòigh, no fiù 's ma tha thu dìreach a' smaoineachadh mu dheidhinn, cuir fios dhan Roinn Margaideachd.
Bu toigh leinn fios a leigeil dhuibh air an naidheachd againn tron bhliadhna agus bidh sinn ag ullachadh cuairt-litir airson seann oileanaich ceithir tursan sa bhliadhna. Ma tha thu iarson dèanamh cinnteach gum faigh thu lethbhreac, nach lìon thu am foirm air-loidhne.