Seirbheisean Oileanach
Tha Seirbheisean Oileanach a' toirt fiosrachaidh, comhairle is taic neo-thaobhach don a h-uile oileanach; do dh'oileanaich làn-ùine is phàirt-ùine agus oileanaich air an làraich is air-astar. Faodaidh tu fios a chur gu Seirbheisean Oileanach mu chùis phearsanta sam bith a dh'fhaodadh buaidh a thoirt air an obair rannsachaidh agad, mar eisimpleir:
- ciorram is feumalachdan taic a bharrachd
- cùram-chloinne
- deoch-làidir is drogaichean
- fèin-dhochann is smuaintean fèin-mharbhtach
- sgilean rannsachaidh
- slàinte
- ionmhas is buidseatan
- taigheadas
- trom-inntinn is iomagain
- duilgheadas pearsanta sam bith eile
'S e leasachadh saoghal nan oileanach is solarachadh taic nad chuid rannsachaidh am prìomh amas aig Seirbheisean Oileanach.
Nach cuir thu fios thugainn mu na feumalachdan pearsanta agad cho tràth 's a ghabhas gus an tèid againn air na fuasglaidhean as fheàrr dhut a lorg còmhla ri chèile. Faodaidh tu bruidhinn ri Eilidh NicPhàidein, Cò-òrdanaiche Seirbhisean Oileanach, tro post-d enp1.smo@uhi.ac.uk neo to fòn 01471 888305.
Faodaidh a h-uile oileanach na seirbheisean comhairleachaidh a chleachdadh. Tha seirbheis chomhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh ri fhaighinn air an làraich agus faodaidh oileanaich air-astar taic chomhairleachaidh air-loidhne a chleachdadh.